Stad rè-ùine air obair air campas sgoile ùr Mhuile
Cho-dhùin Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid stad foirmeil a chur air obair-leasachaidh sgoil ùr Mhuile.
Chuir oifigich dàil ron seo air obair-dealbhachaidh agus a bhith a' deasachadh cùis-gnothachais, às dèidh mar a chaidh cùis-lagh a thogail an aghaidh co-dhùnadh an sgoil a thogail ann an Tobar Mhoire.
Tha a' chomhairle ag ràdh gur e stad rè-ùine a tha seo, agus gu bheil làn-dhùil aca pròiseact na sgoile a thoirt gu buil.
Seo Andreas Wolff.