Naidheachdan 11:00m
Michelle Mone
Tha britheamh anns an Àrd-Chùirt air co-dhùnadh anns na beagan mhionaidean a dh'fhalbh gun robh companaidh aig a bheil ceangal ris a' Bhana-Mhorair Michelle Mone air cùmhnant riaghaltais luach £122m a bhriseadh. Chaidh PPE Medpro a thoirt gu lagh le roinn na slàinte is cùraim shòisealta aig Westminster 's iadsan air a ràdh nach robh na gùintean meadaigeach a chaidh a thoirt dhaibh tron phandemic gu tur glan.
Cunntasan Cumhachd
Tha am Prìomhaire air gealltainn, uair eile, gun tig lùghdachadh £300 air cunntasan cumhachd dhaoine airson an cuid dhachannan ron ath thaghadh choitcheann. Bha Sir Keir Starmer a' bruidhinn 's àrdachadh ga thoirt air cuibhreachadh nam prìsean cumhachd an-diugh fhèin an Alba, an Sasainn agus anns a' Chuimrigh, a' cur £35 riutha anns a' bhliadhna sa chumantas. Tha cha mhòr 400,000 dachaigh an Alba a' strì le fiachan an co-cheangal ri an cunntasan cumhachd cheana.
Inimreachas
Tha Sir Keir Starmer air a ràdh gu bheil e airson sùil eile a thoirt air mar a tha laghan eadar-nàiseanta gam mìneachadh ann an cùisean inimreachais. Bha am Prìomhaire a' bruidhinn às dèidh dha òraid a thoirt seachad do cho-labhairt a' Phàrtaidh Làbaraich ann an Liverpool an-dè. Tha e airson stad a chur air luchd-siridh comraich nach do shoirbhich le an tagradh o bhith a' cleachdadh nan cùirtean gus bacadh a chur air mar a thèid an cur a-mach às an dùthaich.
Gàsa
Tha Israel a' cumail orra le bhith a' toirt ionnsaigh air Baile Ghàsa fhad 's a tha ceannardan Hamas a' dèanamh sgrùdaidh air planaichean a' Chinn-Suidhe Trump gus an cogadh a thoirt gu crìch. Tha riochdairean on Tuirc agus o dhùthchannan Arabach air coinneachadh ri riochdairean Hamas ann an Qatar 's iad air ìmpidh a chur orra gabhail ris a' phlana ron cheann-ùine de cheithir làithean a chuir an Ceann-Suidhe Trump romhpa.
Dochann san Dachaigh
Tha sgeama aig Poileas Alba a tha ag innse do dhaoine an robh an càraid an sàs ann an càirdeas mì-ghnàthach roimhe air fiosrachadh fhoillseachadh còrr air 19,500 turas. Tha na Poilis air seo fhoillseachadh agus deich bliadhna ann o chaidh an sgeama a chur air bhog.
Aiseag Chaolas Bharraigh
Tha Comhairle nan Eilean Siar a' cur fàilte air an naidheachd gun tèid dara criutha fhastadh airson Aiseag Chaolas Bharraigh a leigeadh leotha seòladh nas tràithe agus nas anmoiche air an là. Tha Còmhdhail Alba air an tuilleadh maoineachaidh a thoirt do ChalMac airson seo mar phàirt den chùmhnant ùr aca. Thuirt cathraiche comataidh na còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, gu bheil iadsan air a bhith a' strì airson seo airson co-dhiù deich bliadhna, agus thuirt e gun toir e piseach mòr air an t-seirbheis.