Òrain 200 bliadhna a dh'aois a' tighinn beò às ùr

Còisir Bhun-sgoil Shlèite
- Air fhoillseachadh
Tha còisir òigridh ùr à Bun-sgoil Shlèite san Eilean Sgitheanach air an dòigh glan às deidh dhaibh soirbheachadh anns an dà cho-fharpais a bh' aca aig Mòd Ionadail Loch Aillse.
Chan e an soirbheachas sin a-mhàin a tha iad a' comharrachadh ge-tà, ach cuideachd gu bheil iad air nàdar de ath-bheòthachadh a thoirt air òrain ionadail às an sgìre fhèin a chaidh a sgrìobhadh o chionn 200 bliadhna.
Chaidh na h-òrain a lorg le Stòras Shlèite; pròiseact a chaidh a stèidheachadh aig deireadh na bliadhna an-uiridh le Sabhal Mòr Ostaig.
Tha Greg MacThòmais, a tha os cionn a' phròiseict, air a bhith a' toirt taic dhan chòisir.

'S ann aig toiseach na bliadhna a thòisich a' chlann seinn còmhla, cothrom a fhuair iad nuair a thòisich dithis san sgìre, Jasmine Threlfall is Alison NicGilleBhràighe, ag obair còmhla riutha gu saor-thoileach.
Tha deagh àireamhan aca is 15 duine-cloinne sa bhuidhinn.
'S ann san Òg-mhios a thòisich Greg ag obair còmhla riutha agus beachd aca air còisir a thòiseachadh is sùil aca air a' mhòd ionadail.
A' bruidhinn air fear de na h-òrain a ghabh a' chòisir aig a' Mhòid, 'Fàilte an t-Samhraidh', thuirt Greg MacThòmais;
"Tha an t-òran sin car inntinneach. 'S e pìos bàrdachd ann an seann iris a bh' ann is cha robh fonn riamh ann cho fad 's as aithne dhomh.
"Chuir mi fonn ris gus an seinneadh a' chlann e."

Thuirt Greg gun còrdadh e ris cumail air a bhith ag obair còmhla ris a' chòisir agus gun còrdadh e ris cuideachd am pròiseact a leudachadh gu sgìre an t-Srath agus beartas de dhualchas an sin cuideachd.
"Bu thoil leamsa cumail a' dol leis an obair seo, a' bruidhinn ri muinntir na coimhearsnachd, 's dòcha a' clàradh barrachd dhaoine.
"Cuideachd, ag obair leis an sgoil tha mi a' smaoineachadh gur e rud cho cudromach a tha sin; a' dèanamh ceangal eadar na sgoilearan agus an òigridh agus na daoine às a sgìre aig a bheil Gàidhlig.

Sgìre Chamas Chrois is Cruard ann an Slèite
"Cuideachd, ga fhosgladh a-mach.
"Mar eisimpleir, sgìre an t-Srath, tha e cho dluth-cheangailte ri sgìre Shlèite, cha b' urrainn dhut sgaradh a dhèanamh ach bha agam ri sgaradh a dhèanamh airson a' phròiseict seo dìreach airson a chumail caran beag ach tha an t-uabhas, an t-uabhas de litreachas agus òrain ann an sgìre an t-Srath cuideachd.
"Tha beartas an sin. Bhiodh e math a chruinneachadh cuideachd."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh19 An t-Samhain 2024