A' chiad fhilm Gàidhlig aig MG ALBA "an ath-cheum nàdarra"

An t-Eilean Tùs an deilbh, MG ALBA
  • Air fhoillseachadh

Tha MG ALBA an dùil beachdan a shireadh airson film ùr Gàidhlig às dèidh cho soirbheachail 's a bha an dràma telebhisein An t-Eilean.

Cuiridh iad an iomairt air chois aig Fèis Fhilmaichean Dhùn Èideann san Lùnastal.

Tha Stiùiriche Susbaint MG ALBA, Mairead Chamshron, ag ràdh gur e "an ath-cheum nàdarra airson na seirbheis a bhios ann".

Thuirt i gu bheil iad air a bhith a' bruidhinn mu leithid de phròiseact airson ùine mhòr "ach cha robh inneal ann airson a thoirt gu buil".

Tha i ag ràdh gu bheil iad air am misneachadh le cho math agus a chaidh le An t-Eilean, a th' air cliù agus duaisean a chosnadh san t-saoghal chraolaidh.

Sealladh bho An t-EileanTùs an deilbh, MG ALBA

Tha Mairead Chamshron ag ràdh gu bheil iad air am brosnachadh cuideachd le soirbheas Cine4, sgeama leasachaidh film an Èirinn, a rinn ochd filmichean on chaidh a chur air bhonn ann an 2017 leis a' chompanaidh chraolaidh TG4, Scrìon Èirinn agus Ùghdarras Craolaidh na h-Èireann.

Thuirt i: "Tha e cudromach dhuinne gu bheil sinn a' toirt rathad a-steach dhan t-saoghal chruthachail do na sgrìobhaidearan agus do na cleasaichean aig diofar ìrean."

Tha Ms Chamshron a' gabhail ris gur e pròiseact cosgail a bhios ann agus gun toir e co-dhiù trì bliadhna a thoirt gu buil.

Tha i ag ràdh gum bi "diofar phoitean airgid a' tighinn ri chèile".

Fo-thiotal a’ bhidio,

Dhearbh i cuideachd gun do thòisich an conaltradh leis na buidhnean a bha ag obair còmhla riutha air a' chiad sreath de An t-Eilean feuch an gabh dàrna seusan den dràma dèanamh.

Tha dùil gum bi fios aca an ceann beagan mhìosan a bheil airgead ann a thoirt gu buil.

Chaidh an dràma san robh ceithir prògraman a choimiseanadh le BBC ALBA, agus chosg e còrr is £4m a dhèanamh.

'S e a' chompanaidh All3Media a bhios ga sgaoileadh gu h-eadar-nàiseanta.