Sgaradh bheachd mu chìs air soithichean mòra luchd-turais
Nochd rabhadh mun a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig cìs ùr air luchd-turais a thig far bhàtaichean mòra luchd-turais air eaconamaidh na Gàidhealtachd.
Tha Riaghaltas na h-Alba a' sireadh bheachdan air a bhith a' toirt an cothrom do chomhairlean ionadail leithid de chìs a chur an sàs. Ach thuirt Port Linne Chrombaigh gun adhbhraicheadh seo call luach £2.4m do dh'eaconamaidh na Gàidhealtachd.
Tha an aithris seo aig Calum MacLeòid.