"Tha sinn a' fosgladh doras air a' Ghàidhlig, a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan"
Tha MG ALBA a' dèanamh gàirdeachas is am prògram An t-Eilean air duaisean mòra telebhisean Eòrpach a thogail.
Thuirt cathraiche na buidhne gun till iad dha na h-ùghdarrasan a-nise le argamaid 'son barrachd airgid.
Tha Iain Moireasdan ag ràdh cuideachd gu bheil prògraman mar seo fìor chudromach dhan Ghàidhlig agus dha na Gàidheil.