Prìomh dhuais Eòrpach do dhràma Gàidhlig

Tha Cathraiche MG ALBA ag ràdh gu bheil mar a thog am prògram An t-Eilean duaisean mòra telebhisein Eòrpach a' toirt togail agus misneachd dhan Ghàidhlig agus do luchd-labhairt a' chànain.

Thuirt Iain Moireasdan gu bheil an soirbheachas seo a' sealltainn gun fhiach an t-airgead a chaidh a chosg air an An t-Eilean - is gun till MG ALBA dhan riaghaltas a-nise le argamaid 'son barrachd maoineachaidh.

Seo Doneil MacLeòid.