Naidheachdan 11:00m

Iran

Thàinig rabhadh bho Iran gum bi ceannach aig na Stàitean Aonaichte air na h-ionnsaighean a thug iad air ionadan niùclasach na dùthcha air an deireadh-sheachdain. Thuirt fear-labhairt bho fheachdan armaichte Iran gur e fear "cur gheall" a bh' anns a' Cheann-Suidhe Trump, agus gun cuireadh Iran crìoch air cogadh a thòisich na Stàitean Aonaichte. An seo, thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, David Lammy, gu bheil sinn ann an suidheachadh fìor chunnartach agus dh' iarr e air Iran gun an suidheachadh a chur am miosad. Dh'iarr ceannard buidheann faire niùclasach nan Dùthchannan Aonaichte, Rafael Grossi, gun deadh fois-fhòirneirt a ghairm ann an Iran. Bha sin a dhìth, thuirt e, airson sgrùdadh a dheanamh air na h-ionadan niùclasach feuch dè an call a chaidh a dhèanamh orra.

Israel

Tha Iosrael agus Iran air a bhith a' feuchainn urchairean air càch a chèile às ùr. Tha aithrisean ann gun deach ionnsaigh a thoirt air sgìre Ashdod an ceann a deas Iosrael. A rèir feachdan armaichte Iosrael, bhuail iadsan air ionadan stòraidh armachd agus ionadan losgaidh air taobh siar Iran. Dh' fheuch iad cuideachd urchairean air siostaman ràdair agus saideil air feadh Iran, thuirt iad.

Cogadh na h-Ucràin

Tha an Ucràin ag ràdh gun deach grunn dhaoine a mharbhadh ann an ionnsaighean Ruiseanach air an dùthaich tron oidhche agus còrr air dusan a leòn. Tha an Ceann-Suidhe Zelensky anns an Rìoghachd Aonaichte an-diugh, airson còmhraidhean le Sir Keir Starmer.

Rannsachadh poblach

Tha rannsachadh poblach a' tòiseachadh an-diugh anns an Eilean Sgitheanach mu phlanaichean airson tuathanas-gaoithe Beinn Acadail an sin a dhèanamh nas motha. Tha a' chompanaidh leis a bheil e airson crainn nas motha a chur an àite an fheadhainn a th' ann an-dràsta. Tha Riaghaltas na h-Alba a' cumail an rannsachaidh an dèidh do Chomhairle na Gàidhealtachd cur an aghaidh nam planaichean.

Màl goirid

Tha cuid de chomhairlichean air a' Ghàidhealtachd ag iarraidh gun deadh sòn a stèidheachadh feadh na sgìre a chumadh smachd air ionadan Airbnb. Tha iad ga fhaicinn mar dhòigh air dèiligeadh le dìth taigheadais air a' Ghàidhealtachd. Thuirt iad nach deach a dhiùltadh chun an seo ach ceithir de 7,000 tagradh airson ionadan màil den t-seòrsa air na bheachdaidh a' Chomhairle. Ach tha oifigich comhairle dhen bheachd gun iarraidh leithid de sgeama tòrr rannsachaidh 's gum faodadh cosgaisean a bhith na lùib.