Aonta foirmeil 'son saor-phort uaine na Gàidhealtachd le 11,000 cosnadh na lùib

Tha Port Linne Chrombaigh an Inbhir Ghòrdain am masg grunn làraichean san t-saor-phort Tùs an deilbh, PORT LINNE CHROMBAIDH
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Port Linne Chrombaigh an Inbhir Ghòrdain am measg grunn làraichean san t-saor-phort

  • Air fhoillseachadh

Chaidh aonta a ruighinn gu foirmeil gus saor-phort uaine a stèidheachadh air a' Ghàidhealtachd.

Tha dùil gun teid 11,000 cosnadh a chruthachadh fo na planaichean 's gun tig na billeanan notaichean de dh'airgead tasgaidh chun na sgìre thairis air 25 bliadhna.

Tha an t-aonta eadar Saor-phort Inbhir Nis is Linne Chrombaidh, riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd a' comharrachadh a' cheum mu dheireadh sa phròiseas a thòisich bho chionn còig bliadhna.

'S e àitichean a th' ann an saor-phuirt uaine taobh a-staigh chrìochan dùthcha far nach eil na riaghailtean àbhaisteach a thaobh chìsean agus cusbainn a' buntainn.

'S e com-pàirteachais de bhuidhnean sna roinnean prìobhaideach agus poblach a tha sa Phort, a' toirt a-steach Port Chaolas Chrombaidh, Port Neig, Highland Deephaven, agus Campas Inbhir Nis.

Port Inbhir Nis bhon adhar Tùs an deilbh, Port Inbhir Nis
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Port Inbhir Nis cuideachd faisg air Linne Mhoireibh agus tè eile de phrìomh làraichean ICFGF

Thathar airson agus gun tèid ICFGF na phrìomh hub eadar-nàiseanta airson roinn a' chumhachd ath-nuadhachail le faochaidhean cìse agus taraifean nas ìsle do chompanaidhean.

Fon aonta thèid £25m de mhaoineachadh bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a shaoradh a bheir taic do chompanaidhean ùra airson phròiseactean bun-structair ionadail.

Thathar an dòchas gum faighear in-ionmhas luach còrr air £6.5bn aig a' phort thairis air an ath 25 bliadhna.

Thuirt Rùnaire na h-Alba, Dùghlas Alexander, gu bheil stèidheachadh ICFGF fìor chudromach do ro-innleachd Riaghaltas na RA fàs eaconomach a thoirt air gach ceàrn den dùthaich.

Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Ceit Fhoirbeis gu bheil an t-aonta na "chlach-mhìle bhrosnachail".