Obair air tòiseachadh aig Beinn Mhàbu

  • Air fhoillseachadh
Beinn Mhàbu
Fo-thiotal an deilbh,

'S e taigh-cràbhaidh a bha san togalach bho thùs is caibideal ùr a-nise a' tòiseachadh fon ainm Beinn Mhàbu.

Tha obair-leasachaidh air tòiseachadh gus dàrna campas de Cholaisde na Gàidhlig ann an Ceap Breatainn a stèidheachadh.

'S ann am Màbu air taobh siar an eilein a tha e, is dòchas ann gum bi spionnadh mòr dha suidheachadh na Gàidhlig na chois, cho math ri buannachdan eaconomach is eile.

Tha trì bliadhna ann bho cheannaich Colaisde na Gàidhlig an togalach, a tha mu uair a thìde air falbh bhon phrìomh làraich aca ann an St. Ann's.

'S e taigh-cràbhaidh a bha san togalach bho thùs, is e stèidhichte air cnoc air cùl na h-eaglaise ann am meadhan Mhàbu.

Nuair a thàinig obair na h-eaglaise san togalach gu ceann, dh'aontaich iad a reic ri Colaisde na Gàidhlig is iad ag ràdh gur e tairgse a bha seo a bhiodh gu maith na coimhearsnachd.

Às dèidh chòmhraidhean, obair-dealbhachaidh is taic-airgid timcheall $3m bhon Riaghaltas, tha obair-leasachaidh a-nise air tòiseachadh.

Thèid obair a dhèanamh air mullach an togalaich is thèid ùrachadh mòr a dhèanamh air na h-àitichean fuirich, cho math ri goireasan teagaisg ùra is bann-leathann luath.

Bidh Beinn Mhàbu cuideachd na dachaigh do stèisean rèidio air-loidhne stèidhichte air cultar na Gàidhlig.

Fo-thiotal an deilbh,

Thèid na h-uimhir a ghlèidheadh tron obair-leasachaidh, mar an t-seipeal, is Colaisde na Gàidhlig 'son urram a shealltainn do dh'eachdraidh an togalaich.

Nuair a tha an obair dèanta, bidh an togalach deiseil airson oileanaich a bhith air an stèidheachadh ann fad na bliadhna acadaimigich, is cùrsaichean goirid gus a bhith ann cuideachd.

"Bidh na cùrsaichean ceangailte ri Oilthigh Cheap Breatainn is gheibh na h-oileanaich creideas bhuapa, is faodaidh iad leantainn orra mar sin aig Oilthigh Cheap Breatainn no oilthigh air choireigin eile", mhìnich Leas-Cheann-suidhe Beinn Mhàbu, Coinneach MacCoinnich.

"Bidh iad uile stèidhichte air a' chultar. Aig an toiseach bidh iad sa Bheurla ach stèidhichte air cultar nan Gàidheal, eachdraidh nan Gàidheal, ceòl is dannsa.

"Tha sinn a' dèanamh fiughair ris, chan eil sìon coltach ris air an taobh seo. Cuideachd, bidh prògraman bogaidh againn far an urrainn do chuideigin tighinn gu Màbu agus Gàidhlig a thogail", thuirt e.

Bha ceist gu h-eachdraidheil mu dè cho mòr 's a bha Colaisde na Gàidhlig ann an Ceap Breatainn ag obair às leth na cànain fhèin, le sùil barrachd air ceòl is dannsa.

Tha sin air atharrachadh anns na bliadhnaichean mu dheireadh le fòcas làidir air a' Ghàidhlig fhèin, is thathas a' coimhead ri seo mar cheum mòr eile dhan cholaisde, is ceum mòr cudromach cuideachd do Mhàbu agus Siorramachd Inbhir Nis.

"Tha Colaisde na Gàidhlig air a bhith ann 'son còrr is 80 bliadhna a-nise ach thall ann an sgìre eile san eilean. Nise gu bheil campas ùr againn ann am Màbu far a bheil coimhearsnachd Ghàidhealach gu math làidir ann fhathast, is campas dìreach ann am meadhan a' bhaile, 's e rud mòr a th' ann is tha mi a' dèanamh fiughair ri faicinn dè bhios a' tighinn a-mach às, is dè na buannachdan eile a bhios ann", thuirt Mgr MacCoinnich.

Fo-thiotal an deilbh,

Bratach na Gàidhlig an Alba Nuadh a' sgèith aig Beinn Mhàbu.

"Taobh an Iar Cheap Breatainn fhèin, chan eil oilthigh ann idir is bhon Damhair chun a' Ghiblein chan eil mòran a' tachairt idir, is tha e math mar sin a bhith ag obair tron t-seusan sin", thuirt e.

Tha an leasachadh a' tighinn dìreach seachdainnean às dèidh do bhun-sgoil Ghàidhlig fhosgladh ann am Màbu. Tha Taigh Sgoile na Drochaide stèidhichte air a' champas ùr, ged a tha i fa leth bhon cholaisde.

Tha Coinneach MacCoinnich an sàs san dà phròiseact is e air bòrd na sgoile is dithis phàistean aige innte, cho math ris an obair làitheil aige aig Beinn Mhàbu.

Dh'innis e gu bheil na leasachaidhean nan adhbhar dòchais sa choimhearsnachd.

"Tha mise làn dòchais. Tha thu a' faicinn diofair a' tighinn air daoine, tha sinn nas moiteil na làithean seo.

"Tòrr de na caraidean agamsa, tha iad air Gàidhlig a thogail is tha iad a' cur Gàidhlig ris an teaghlach aca agus a' cumail sin suas.

"Tha diofar mòr air a bhith a' tachairt bho chionn 15 bliadhna no mar sin is chan eil sin ach air tòiseachadh", thuirt e.

Tha dùil gum bi an obair-leasachaidh aig campas ùr Colaisde na Gàidhlig deiseil an ceann sia mìosan, is gum fosgail Beinn Mhàbu do dh'oileanaich san t-Sultain 2022.

Fo-thiotal an deilbh,

Tha Beinn Mhàbu stèidhichte air cùl na h-eaglaise ann am Meadhan Mhàbu.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh