Dùil ri Seann Àrd-Eaglais Inbhir Nis a bhith na hub coimhearsnachd
Tha dùil gun tèid Seann Àrd-Eaglais Inbhir Nis a dhèanamh na hub coimhearsnachd agus na ionad-dualchais às dèidh do dh' Eaglais na h-Alba gabhail ri iarrtas 'son an togalach a cheannach.
'S e companaidh coimhearsnachd a th' anns an Old High Inverness a tha air aonta a ruighinn còmhla ris an eaglais.
Chuir Eaglais na h-Alba fàilte air an naidheachd is iad air a bhith a' feuchainn ris an t-àite a reic bho 2020.
Seo Calum MacLeòid.