Solais Nollaig Steòrnabhaigh
Chaidh solais Nollaig baile Steòrnabhaigh a chur air oidhche Mhàirt.
Bha na ceudan an làthair gus na diofar thachartasan fhaicinn, le sreath de làraidhean is carabadan eile air an sgeadachadh ann an solais Nollaig.
Bha fèil Nollaige am broinn Talla a' Bhaile agus Bodach na Nollaige cuideachd ri fhaicinn.