Am Prìomhaire a' dìon nam planaichean airson sochairean
Thuirt am Prìomhaire gum bu chòir do dhaoine as urrainn obrachadh a bhith an ceann an cosnaidh.
Bha e a' bruidhinn is luchd-poileataigs is carthannasan air cantainn gu bheil planaichean an riaghaltais airson sochairean mì-mhoralta.
Le plana a chaidh fhoillseachadh Dimàirt, thèid na billeanan notaichean a ghearradh bhon bhuidseat sin agus tha dragh ann gun tèid daoine a chailleas taic fhàgail ann an cruaidh-chàs. Seo Anndra MacFhionghuin: