Teagamh mu sgeama bhanaichean-càmpachaidh

Thuirt comhairliche Gàidhealach gun "ith e a bhròg" ma thèid £20,000 sa bhliadhna a thogail bho sgeama nam bhanaichean-càmpachaidh.

Dh'fhàilnich le Ruaraidh Stiùbhart na oidhirp cur às dhen sgeama fo am bi daoine le bhanaichean-càmpachaidh a' pàigheadh chosgais a bhios saor-thoileach.

Dh'innis a' chomhairle nach eil dùil a-nis gun tig ach £20,000 bhon sgeama sa bhliadhna, seach £500,000 mar a bhathas a' smaoineachadh an toiseach. Tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris ...