Naidheachdan 11:00m
Sìona
Tha Sràid Downing ag ràdh nach do chuir oifigich bacadh air cùis an aghaidh dhithis a thathas an amharas a bha ri brathadh às leth Shìona. Dh'innis àrd-neach-casaid na Rìoghachd Aonaichte nach deach air aghaidh leis na casaidean air t-sàilleibh nach rachadh aca air fianais gu leòr fhaighinn bhon Riaghaltas a bha a' toirt iomradh air a' chunnart a th' ann bho Shìona a thaobh teàrainteachd nàiseanta. Thuirt am Prìomhaire nach rachadh aig luchd-casaid ach a dhol air aghaidh le measadh an t-seann riaghaltais air t-sàilleibh àm nan casaidean.
Gàsa
Tha oifigich bhon dà chuid Hamas agus Israel air misneachd a shealltainn air thòiseach air na còmhraidhean eatorra san Èipheit an-diugh feuch fosadh a ruighinn sa chogadh an Gàsa. Tha iad le chèile air liostaichean a thoirt seachad de phrìosanaich agus de dhaoine a tha am bruid a rachadh a shaoradh nan rachadh aonta a ruighinn.
Clann ann an cùram
Tha Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba ag ràdh gu bheil cion soillearachaidh am measg na tha a' cur bacadh air planaichean gus cruth-atharrachadh a thoirt air an t-siostam a th' ann do chloinn ann an cùraim. Bha Riaghaltas na h-Alba air gealltanas a thoirt seachad bho chionn còig bliadhna gus piseach a thoirt air an t-siostam. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil nas lugha a' fàs suas ann an cùram an taca ri còig bliadhna air ais agus gu bheil iad fhathast a' cur romhpa piseach a thoirt air an t-siostam.
Daoine gun dachaigh
Thàinig lùghdachadh 18% air an àireimh dhaoine a dh'eug an Alba agus iad às aonais dachaigh. Tha àireamhan ùra cuideachd a' sealltainn gun tàinig lùghdachadh mu 40% air an àireimh dhiubh an dà chuid an Glaschu agus an Dùn Èideann. Tha seo a' tighinn agus an àireamh air feadh na Rìoghachd Aonaichte air an ìre as àirde a-riamh a ruighinn - aig 1,600. Àrdachadh 9% a tha sin an taca ris a' bhòn-uiridh.
Turasachd
Tha cunnart ann gun tèid a' bhuidheann Turasachd Innse Gall à bith mura faigh iad taic-airgid a bharrachd. Bidh iad a' cumail taic agus a' riochdachadh ghnothachasan nan Eilean Siar agus iad ag ràdh gu bheil £100,000 a dhìth orra sa bhliadhna gus cumail a' dol.
Modaràtair
Chaidh an t-Urr. Calum Iain MacLeòid ainmeachadh mar an ath Mhodaràtair a bhios air an Eaglais Shaoir. Tha Mgr MacLeòid na mhinistear ann an Eaglais Shaor Urchadain agus Ruigh Sholais. Thuirt e gur e urram mòr a th' ann dha gun deach a chur air aghaidh chun na dreuchd sin.