Naidheachdan 11:00m

Turas a' Chinn-suidhe

Tha Dòmhnall Trump air aoigheachd aig an Rìgh aig Caisteal Windsor an-diugh air a dhàrna turas stàite mar cheann-suidhe. Bidh caismeachd mhòr airm ann an-diugh agus dìnnear stàite a-nochd. Dh'fhuirich Mgr Trump agus a bhean, Melania, a-raoir aig Taigh Winfield ann am meadhan Lunnainn, dachaigh Tosgaire nan Stàitean Aonaichte dhan Rìoghachd Aonaichte. Mar phàirt de thuras a' chinn-suidhe, dh'fhoillsich Microsoft plana airson £22bn a chur ri roinn teicneolais AI Bhreatainn.

Madeleine McCann

Chaidh an duine as motha a fo amharas ann an cùis Madeleine McCann a shaoradh às a' phrìosan anns a' Ghearmailt. Bha Christian Brueckner, 48, fo bhinn seachd bliadhna airson seann bhoireannach èigneachadh na dachaigh ann am Portugal ann an 2005. Thuirt Poilis a' Mhet gu bheil e fhathast fo rannsachadh acasan.

Prìsean

Dh'inns Oifis na Staitistig Nàiseanta an-diugh gun do dh'fhuirich an atmhorachd gun atharrachadh aig 3.8% sa Lùnastal. Ach dh'èirich an ìre aig a bheil prìs a' bhìdh agus deoch a' dol suas airson na còigeamh mìos ann an sreath.

Comraich

Fhuair fear à Eritrea, a thàinig dhan Rìoghachd Aonaichte ann am bàta beag, cead laghail aig a' mhionaid mu dheireadh fuireach ùine eile san duthaich seo seach a thilleadh dhan Fhraing. Thuirt an Riaghaltas nach cuir sin maill air an sgeama aca airson aon in-imriche mì-laghail a thilleadh mu choinneamh gach duine a thig.

Ceartas

Tha dùil gun gabh Pàrlamaid na h-Alba an-diugh ri bile a chuireas às dhan bhreith neo-dhearbhte, nach eil ann an siostam lagha eile ach siostam ceartais na h-Alba. Tha dùil gum faigh am bile tron bhòt mu dheireadh an-diugh an dèidh taic fhaighinn bhon Phàrtaidh Uaine.

Earra-Ghàidheal

Thathas a' beachdachadh an-diugh air plana fom biodh cuingealachadh air cùram san dachaigh ann an Earra-Ghàidheal is Bòd. 'S e dìth luchd-obrach agus iarrtas a' sìor èirigh as coireach gu bheil bòrd amalaichte na sgìre am beachd gearradh air ais uairean na seirbheis.

Covid

Thòisich prògram banachdaich Covid NHS na h-Alba ach cha bhi e ann an turas seo ach do dh'fheadhainn nas sine na 75 agus do dh'fheadhainn air a bheil dìth-slàinte. Tha Age Scotland, buidheann a tha a' seasamh chòraichean sheann daoine, a' càineadh sin, ach tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach eil iad ach a' gabhail comhairle eòlaichean banachdaich na Rìoghachd Aonaichte.