Brownie: barrachd na neach-bùtha

Iain 'Brownie' Moireasdan le Mairead (clì) agus Karen (deas) a bha ag obair còmhla ris sa bhùth air an Tairbeart
- Air fhoillseachadh
Leig Iain 'Brownie' Moireasdan seachad a' bhùth air àrd-shràid an Tairbeirt aig toiseach an Iuchair.
Bha e ga ruith fad 35 bliadhna. Obair gu leòr, chanadh cuid, ach 's e na rudan eile a bhiodh e a' dèanamh do dhaoine a tha ga fhàgail air geàrr-liosta Duaisean Dèan Diofar BBC Radio nan Gàidheal.
Bha, agus tha fhathast, clìu aig Iain airson cho deònach 's a tha e taic a thoirt don luchd-ceannaich agus don choimhearsneachd aige.
Chan e a-mhàin gum biodh e a' lìbhrigeadh stuth, bhiodh e cuideachd a' dèanamh obraichean beaga dhaibh cleas a bhith a' crochadh an aodaich, a' gearradh snèapan, a' toirt a-steach guail agus a' cur theintean thuige.

Cha robh Iain a-riamh an dùil gum biodh e os cionnn na bùtha.
Nuair a leig Mgr Kenyon, leis an robh i, a dhreuchd ann an 1990 bha e mar chlach às an adhair nuair a dh'iarr e air Brownie a gabhail os làimh.
"John, I want you to take over from me in the shop." Cha b' e ceist ach iarrtas.
"Cha mhòr nach do thuit mi," thuirt Iain, "bha mi còmhla ris seachdain agus bha e ga mo chuideachadh agus chun an là seo, cha do dh'ionnsaich mise càil coltach ris an eòlas a bh' aig Mgr Kenyon."
Le seachdain de thrèanadh, thòisich Iain air an t-slighe aige fhèin.
Bhiodh daoine aig nach robh cothrom tighinn a-steach a' cur fòn agus bhiodh Iain a' toirt thuca na nithean a bha iad ag iarraidh, ach cha b' e suid ach toiseach an sgeòil.
Nan robh naidheachdan ri innse, bhiodh e gan toirt seachad. Nan robh taic a dhìth, bhiodh e ga toirt seachad.
Gun chosgais, gun a bhith ag iarraidh taing - dìreach air sgàth 's gun robh e a' smaoineachadh gur e an rud ceart a bh' ann.
"Bha iadsan ga mo chuideachadh-sa, agus nan robh iad a' fàs rudeigin gun chothrom airson rudeigin a dhèanamh, uill, dhèanadh tu rud dhaibh, rud beag air choireigin."

Rudan beaga na fhaclan fhèin ach rudan cudromach a rèir Lena Mhoireasdain, co-ogha do dh'Iain.
Thuirt i: "Airson na daoine a tha e a' cuideachadh tha e a' dèanamh diofar mòr, mòr nam beatha.
"A chionn 's dòcha nach bi iad a' faicinn dhaoine sam bith eile fad an là agus esan a' tighinn a-steach agus a' bruidhinn riutha.
"Cha ghabh cur ann am briathran cho cudromach 's a tha sin do dhaoine a tha a' fuireach nan ònrachd."
Thug Lena eiseimpleir de thè a bha air snèap òrdanachadh bhon bhùth.
Chuala Iain gun robh i ga fhaighinn doirbh a ghearradh agus an dèidh dha an snèap a lìbhreagadh, dh'fhosgail i am frids agus bha e ann air a ghearradh beag dhi agus deiseil airson a bhruich.
Aig taighean eile sna Hearadh bhiodh e a' nìgh nan soitheachean fhad 's a bha stuth bhon bhùth a' dol do na preasaichean.
Bhiodh nigheadaireachd a' dol a-mach air an ròp, neo air a toirt a-steach.
Chuireadh e teine dhaibh, neo chuireadh e gual a bharrachd ris, ged a tha e coltach gun robh cuid gu math faiceallach mu mar a dhèanadh e sin.
"Bha tè ann," chuimhnich Iain, "bha mi a' toirt a-steach guail thuice a h-uile là agus bha beagan a dhìth air an teine.
"Bha i na suidhe is thuirt i, 'feuch an cuir thu sin air ceart, cuir an taobh eile e'. Airson pìos guail, bha i uabhasach fussy mar sin!"

Chan i an aon tè a bha 'fussy' thar nam bliadhnaichean, is trioblaid aig tè eile mu phàipear-suathaidh.
"Dh'fhòn i is bha i ag iarraidh 'Natural Kleenex toilet roll' agus chuir Karen no Mairead, chan eil fhios 'am cò bh' ann, toilet roll geal thuice," dh'innis Iain.
"Dh'fhòn i air ais agus thuirt i nach b' e a bha i ag iarraidh.
"Tha mi a' smaoineachadh gur e Karen a fhreagair am fòn agus thuirt i, 'dùin do shuil fhad 's a bhios tu ga ùisneachadh agus bidh thu alright!'"
Tha gàire mhòr air Iain is e ag aithris an sgeòil.
Tha sgeulachdan anns gach ceàrnaidh de cheann a tuath na Hearadh mu thaic air choireigin a thug e seachad - ged nach innseadh e fhèin càil do dhuine sam bith.
Tha Lena ag ràdh gur e "an rud as cudromaiche, 's e nach eil duine sam bith a' faighinn a-mach dè a tha e a' dèanamh agus na h-uimhir a tha e a' dèanamh".

Le bhith a' leigeil seachad na bùtha, bhiodh cuid a' smaoineachadh gur ann le chasan suas a bhiodh Brownie, an tac an teine, ach tha Lena an dùil gun tèid cùisean an rathad eile.
"An là a sguireas Brownie a chuideachadh dhaoine eile, bidh rudeigin fada ceàrr.
"Bidh barrachd tìde aige barrachd a dhèanamh, agus sin a nì e, cumaidh e a dol," thuirt i.
Agus dè mu Bhrownie fhèin?
"Oh, feumaidh mi rudeigin a dhèanamh, tha gu leòr agam ri dhèanamh."
Gu leòr ri dhèanamh 's dòcha, ach gu leòr a tha taingeil airson na rinn e thar nam bliadhnaichean cuideachd.

'S e am britheamh airson Duaisean Dèan Diofar Radio nan Gàidheal Kerry Nic a' Phì a bhuineas do dh'Uibhist a Deas. Tha i na rothaiche-beinne proifeasanta agus 's i a' chiad bhoireannach às na h-Eileanan an Iar a bha a' farpais ann an Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis.
'S iad na craoladairean Kaye Adams agus Michelle McManus a bhios a' measadh cò as motha a tha airidh air duais a-mach às na roinnean eile.
Gheibhear na h-ainmean uile aca agus barrachd fiosrachaidh mu Dhuaisean Dèan Diofar a' BhBC an seo.