Ceit Fhoirbeis a' fàgail na Pàrlamaid an ath-bhliadhna

Dh'innis an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis, nach seas i ann an taghadh na Pàrlamaid Albannaich an ath-bhliadhna.

Thuirt i gu bheil i ag iarraidh a bhith air a' Ghàidhealtachd leis an nighinn bhig aice, agus gu bheil feum air barrachd taic do phàrantan aig Holyrood.

Seo am fear-naidheachd poileataigeach againn, Niall O'Gallagher.