Chrissie NicIlliosa air a taghadh mar chomhairliche ùr Eilean a' Cheò

- Air fhoillseachadh
Chaidh Chrissie NicIlliosa a thaghadh mar chomhairliche ùr ann an uard Eilean a' Cheò.
Bha am fo-thaghadh ann Diardaoin is na bhòtaichean gan cunntadh ann an Caol Acainn Dihaoine.
Bhòt 40.2% de na bha ceadaichte is bha toradh na bhòt mar a leanas:
Cairistìona NicIlliosa - Neo-eisimeileach - 823
Fay NicThòmais - Libearalaich Dheamocratach na h-Alba - 754
Campbell Dickson - Neo-eisimeileach 655
Màrtainn Mac a' Bhàillidh - Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba - 527
Jonathan Dòmhnallach - Neo-eisimeileach - 256
Katy Lawrence - Uainich na h-Alba - 239
John Coupland - Reform UK - 157
Seòras Mac a' Phearsain - Tòraidhean na h-Alba - 86
Chaidh Chrissie NicIlliosa a thaghadh aig an ochdamh ìre den bhòt.
Bha fo-thaghadh eile ann an sgìre na Gàidhealtachd Diardaoin.
Ann Uàrd Linne Chromba 's e an neo-eisimeileach Richard Cross a chaidh a thaghadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh26 An Cèitean