Draghan mu reachdas ùr co-cheangailte ris na Trioblaidean

Thog feadhainn a bha nan saighdearan ann an Èirinn a Tuath fianais ann an Lunnainn an-diugh, is iad mì-thoilichte gun tèid reachdas ùr an àite Achd Dìleab nan Trioblaidean.

Thàinig an t-achd a-steach bho chionn dà bhliadhna, ach thuirt Àrd Chùirt Èireann a Tuath an-uiridh gun robh pàirtean dheth a' briseadh Achd Chòraichean a' Chinne Daonna.

Tha dragh air an luchd-iomairt mu de a thachras dhaibh as aonais an achd, a tha a' cur stad air cùirtean-rannsachaidh agus a' chuid mhòr de sgrùdaidhean eucoire co-cheangailte ris na trioblaidean. Tha barrachd aig Ruairidh MacÌomhair....