Caisteal is oighreachd Armadail fo thairgse
Chaidh aonta a' ruighinn gus Oighreachd Chlann Dòmhnaill agus Caisteal Aramadail ann an ceann a deas an Eilein Sgiathnaich a' reic.
Bha tòrr mì-thoileachais 'san sgìre an uair a chaidh fhoillseachadh 'sa Mhàirt gun robh iad gan cuir air a mharagaidh airson na mileanan notaichean.
Dhearbh an reacaidear-seilbhe, Strutt & Parker an diugh gu bheil iad air tairgsinn fhaighinn airson an talamh agus an togalach, ach cha chan iad a bheil iad a' dèiligeadh ri barrachd air aon cheannaiche.
Tha tuilleadh aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill.