Camag Eilean Mhanainn ga comharrachadh
Tha fàilte ga cur air an naidheachd ann an Eilean Mhanainn gu bheil seirbheis puist an eilein air bonn ùr £2 fhoillseachadh a tha a’ comharrachadh eachdraidh a' gheama Camag san eilean.
Tha an geama caran coltach ri camanachd na h-Alba is iomain na h-Èireann is bhathar ga cluich gu traidiseanta mu àm na Nollaige.
Tha Ùisdean Macllinnein, a tha eòlach air eachdraidh na spòrs, ag ràdh gum bu chòir do dh'iomain rudeigin coltach ri seo fheuchainn.