Naidheachdan 11:00m
Cogadh na h-Ùcrain
Thuirt Ceann-suidhe na h-Ucràin, Volodymyr Zelensky, gun deach sianar a mharbhadh ann an ionnsaighean Ruiseanach tron oidhche air Kyiv. Chaidh bualadh ann an co-dhiù dà thùr flataichean agus còrr is 400 dròn agus 22 urchar gan losgadh air a' bhaile. Thuirt Moscow gun tug an Ucràin tè de na h-ionnsaighean dròn as motha air taobh siar na Ruis. Ann an Abu Dhabi tha Rùnaire Arm nan Stàitean Aonaichte air a bhith a' cumail tuilleadh chòmhraidhean mu phlana sìth Washington le riochdairean Ruiseanach.
Am Buidseat
Tha dùil gum foillsich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte sa bhuidseat a-màireach gun tèid a' chìs air siùcar a leudachadh gu milkshakes agus lattes a gheibhear ann am pacaid. Dh'fhaodadh gun cuir sin beagan sgillinnean ri deochan anns a bheil bainne, air neo mar a thachair le cuid de dheochan eile, 's dòcha gun tèid na th' annta de shiùcar a lùghdachadh gus a' chìs a sheachnadh.
Cuirm Nollaige
Thàinig air Bun-sgoil ann an Inbhir Nis a' chuirm Nollaig aca a chur dheth às dèidh dhaibh teachdaireachan gràin-cinnidh mì-ghnàthach fhaighinn air-loidhne. A rèir a' phàipeir-naidheachd, am Press and Journal, bha dùil aig Bun-sgoil a' Challtainn dealbh-chluich le òrain a dhèanamh far an deadh sgeulachd clann a tha nam fògarrraich ri linn cogadh Shiria innse. Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun deach beachdan a' cur an aghaidh sin a chur air na meadhanan sòisealta agus gun robh briathran gràin-cinnidh agus mì-ghnathach an cois nan teachdaireachdan a tha sin. Thuirt Poileas Alba gun d' fhuair iad aithris mu chonaltradh bagarrach agus de dhroch-dhìol air-loidhne agus gun robh an rannsachadh aca a' leantainn.
Inbhir Gharadh
Rinn mòran de choimhearsnachd Inbhir Gharadh e soilleir aig coinneamh phoblach a-raoir nach eil iad idir a' cur taic ri planaichean airson leasachadh turasachd sa sgìre. Tha a' chompanaidh Black Sheep Management Services ag iarraidh ionad le cafaidh agus bùth, àite-amhairc agus pàirc chàraichean a thogail ri taobh rathad an A87. Bha còrr is 100 duine aig a' choinneimh a-raoir. Thuirt feadhainn gu bheil dragh orra gun dèan an leasachadh cron mòr air a' bhaile.
Call Cuideim
Tha còrr is 300,000 duine ann an Alba a' faighinn banachdach airson an cuideachadh cuideam a chall gu prìobhaideach - còig uidhir air an àireimh a tha ga faighinn tron NHS. Chaidh na figearan fhaighinn bhon Simply Online Pharmacy, a tha stèidhichte ann an Glaschu. 'S iad te de na buidhnean as motha san Rìoghachd Aonaichte aig a bheil cead a' bhanachdach a thoirt seachad.
Tursachan Chalanais
Tha a' bhuidheann chathrannais a tha a' ruith ghoireasan turasachd aig Tursachan Chalanais ann an Leòdhas ag ràdh gum bi an teachd-a-steach a bharrachd a thig à ticeadan airson nan tursachan fhaicinn a' cuideachadh le na clachan a dhìon, agus a' cur ris a' choimhearsnachd. Dh'innis Àrainneachd Eachdraidheil Alba an-dè gum biodh ticead airson nan Tursachan fhaicinn a' cosg £15 dha inbhich bhon ath-bhliadhna. Bidh e an-asgaidh dha muinntir nan Eilean Siar fhèin.