Naidheachdan 11:00m

Manchester

Tha Poileas Mòr-sgìre Mhanchester ag ràdh gun deach ceathrar a ghoirteachadh ann an ionnsaigh aig sionagog ann an ceann a tuath a' bhaile. Chaidh fios a chur orra gun deach càr a dhraibheadh ann an sluagh a bha taobh a-muigh na sionagog agus gun deach aon duine a shàthadh. Chaidh losgadh air an neach a thathas an amharas a bh' air cùlaibh na h-ionnsaigh le gunna ach chan eil fhios aig an ìre seo gu dè seòrsa staid anns a bheil iad.

Poileas a' Mhet

Thuirt ceannard Poileas a' Mhet gu bheil e ag aithneachadh na feirge a th' air daoine às dèidh mar a fhuair rannsachadh a' BhBC gu bheil gràin-cinnidh agus dìmeas an aghaidh bhoireannach a' dol anns an fheachd. Thuirt Sir Mark Rowley gu bheil e airson 's gun rachadh an deichnear a tha far na h-obrach rè ùine t-sàilleibh an rannsachaidh a chur às an dreuchdan. Tha am Prìomhaire ag ràdh gum feum Sir Mark a bhith làidir agus daingeann le a fhreagairt air an t-suidheachadh.

Hamas

Chaidh innse don BhBC gu bheil ceannard arm Hamas ann an Gàsa air leigeil fhaicinn nach eil e a' gabhail ri plana nan Stàitean Aonaichte airson sìthe. Bha an Ceann-Suidhe Trump air rabhadh a thoirt do Hamas gum biodh a bhuile ann mura gabh iad ris.

Inimreachas

Bidh aig fògarraich feitheamh nas fhaide mus tèid aca air tagradh a dhèanamh gus fuireach anns an Rìoghachd Aonaichte gu maireannach. Tha seo mar phàirt de dh'atharrachaidhean a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an dùil a chur an sàs feuch dèiligeadh ris na tha a' tighinn chun na dùthcha ann an geòlaichean beaga thar a' Chaolais Shasannaich. Tha na Tòraidhean ag ràdh gur e cleas gus aire dhaoine a ghlacadh a th' annta.

Colaistean

Tha nas lugha teagaisg ga thoirt do nas lugha de dh'oileanaich aig colaistean na dùthcha a rèir Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba. Tha iad air aithisg fhoillseachadh mun bhuaidh a tha ri fhaireachdainn t-sàilleibh lùghdachaidh an còigeamh cuid air na thathas a' cosg a rèir na h-atmhorachd. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil ministearan ag aithneachadh cho cudromach 's a tha colaistean an dà chuid don eaconomaidh agus don dùthaich anns an fharsaingeachd.

Stoirm

Tha dùil ris a' chiad stoirm ainmichte den t-seusan - Stoirm Amy - air an deireadh-sheachdain. Tha Oifis na Sìde air rabhadh buidhe fhoillseachadh 'son gaoith làidir agus uisge trom o 6:00f a-màireach gu meadhan-oidhche Disathairne. 'S ann airson Alba gu lèir, Èirinn a Tuath agus a' chuid as motha de cheann a tuath Shasainn a tha sin. Tha cuideachd rabhadh òmar gu bhith an sàs o 5:00f a-màireach gu 09:00m Disathairne airson iar-thuath na h-Alba.