Naidheachdan 11:00m
Bile nan Sochairean
Tha coltas gum faodadh buill-phàrlamaid Làbarach ar-a-mach a dhèanamh an aghaidh an riaghaltais a-nochd aig bhòt sna Cumantan mu atharrachadh ann an siostam nan sochairean. Tha an riaghaltas airson teannachadh air na tha airidh air sochairean slàinte agus ciorramachd ach tha iad a' feuchainn ri cùl-bheingearan a shàsachadh leis na h-atharrachaidhean a chuingleachadh gu feadhainn a bhios a' tòiseachadh a' faighinn shochairean às ùr.
Prìs cumhachd dachaigh
Thàinig prìs cumhachd dachaigh a-nuas ann an Alba, an Sasainn agus sa Chuimrigh le cuibhreachadh ùr Ofgem a thàinig gu bith an-diugh. Bidh feadhainn a tha air taraif caochlaideach a' pàigheadh mu 7% nas lugha air dealan agus gas eadar seo agus an Dàmhair.
Gàsa
Chuir tosgaire Israel aig an UN dìon air siostam roinn a' bhìdh ann an Gàsa. Tha feadhainn de na buidhnean carthannais agus cobhair as motha air an t-saoghal ag iarraidh cur às dhan bhuidhinn, aig a bheil taic Israel agus nan Stàitean Aonaichte, agus iad ag ràdh gu bheil e fo stiùir arm Israel. Thuirt Danny Danon gu bheil fiosrachadh meallta ga sgaoileadh mun bhuidhinn agus chaidh arm Israel às àicheadh gu bheil na saighdearan aca a' losgadh a dh'aona-ghnothaich air feadhainn a tha a' cruinneachadh aig na h-aonadan cobhair.
Bàtaichean beaga
Tha dùil ri dearbhadh bho Oifis na Dùthcha gu bheil àrdachadh cho mòr ri 40% sna h-àireamhan a tha a tha a' dèanamh inimreachd mhì-laghail a Bhreatainn ann am bàtaichean beaga air Caolas Shasainn. Thàinig corr 's 20,000, an àireamh as motha fhathast, a-staigh dhan Rìoghachd Aonaichte air an dòigh sin am-bliadhna.
Stailcean air subway Ghlaschu
Bidh tuilleadh stailcean air subway Ghlaschu air a' mhìos seo ann an eas-aonta mu phàigheadh agus cùmhnantan obrach. Bidh iad sin ann air an 11mh, 12na agus an 13mh den mhìos seo nuair a bhios fèis-chiùil TRNSMT sa bhaile. Thuirt Caidreachas Còmhdhail Ghlaschu, a tha a' ruith na rèidhle, gu bheil iad a' feuchainn ri aonta a ruigheachd.
Plana Gàidhlig Iar-Thuath Leòdhais
Tha co-chomhairle a' dol air adhart an-dràsta air a' chiad phlana Gàidhlig a tha fo stiùir na coimhearsnachd. 'S ann an ceann an iar-thuath Leodhais a tha sin, airson na sgìre eadar Nis agus Loch a' Ghainmhich, agus tha sreath cheistean ann a tha a' toirt prìomhachais do bheachdan agus feumalachd na coimhearsnachd.