Naidheachdan 11:00m
Fionnlagh Dòmhnallach
Chaidh an diùraidh anns an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann a-mach gu breithneachadh ann an cùis duine a tha fo chasaid gun do mhuirt e a bhràthair-cèile 's gun do rinn e oidhirp air a bhean a mhurt san Eilean Sgitheanach san Lùnastal ann an 2022. Tha Fionnlagh Dòmhnallach, a tha 41 bliadhna de dh'aois, fo chasaid cuideachd gun do dh'fheuch e ri cupal a mhurt san Dòrnaidh air taobh siar Rois air an aon là. Tha Mgr Dòmhnallach a' dol às àicheadh a h-uile casaid na aghaidh.
Cuideachadh gu Bàs
Tha deasbad a' dol air adhart ann an Taigh nan Cumantan mun bhile a bheireadh cead laghail do chuideachadh gu bàs ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh. Dh'iarr còrr is 70 ball-pàrlamaid ùine airson bruidhinn air a' chùis mus bi bhòt shaor ann feasgar. Thuirt an SNP nach gabh iad pàirt ann seach nach buin a' chùis gu dìreach do dh'Alba. Ach tha dùil gum bhòt buill Albannach nan Làbarach, nan Tòraidhean agus nan Libearalach Deamocratach.
Louise Haigh
Dh'fhàg Rùnaire na Còmhdhail ann an Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Louise Haigh, a dreuchd an dèidh dha tighinn am follais gun deach a dìteadh airson eucoir ann an 2014. 'S i a' chiad bhall a dh'fhalbh às a' Chaibineat Làbarach. Dh'aidich i gun do dh'innis i do phoilis gun deach a fòn-làimhe a ghoid ann an ionnsaigh oirre ann an 2013 ach gun d' fhuair i a fòn na dachaigh goirid às dèidh sin. B' aithne dhan Phrìomhaire, Sir Keir Starmer, mun chùis mus tug e obair dhi sa Chaibineat.
NHS Roinn a' Mhonaidh
Ghairm NHS Roinn a' Mhonaidh èiginn leis gu bheil e a' faileachadh orra dèiligeadh ris an àireimh euslainteach. Tha sin a' fàgail euslaintich ann an ambaileans gan cur gu ospadail ann an sgìrean slàinte eile seach gu Infirmary Rìoghail Obar Dheathain. Tha cùram san ospadal sin fhathast ann do dh'fheadhainn a tha an cunnart am beatha. Thuirt fear de stiùirichean NHS Roinn a' Mhonaidh gur ann mar sin a bhios airson là no dhà fhathast.
Greg Wallace
Tha tuilleadh chasaidean a' nochdadh mun phreasantair telebhisein Gregg Wallace, a tha a' fàgail a' phrògraim Masterchef fhad 's a tha am BBC a' rannsachadh aithrisean gun do rinn e agus gun tuirt e rudan neo-iomchaidh. Thuirt luchd-lagha Mhgr Wallace nach eil fìrinn sam bith ann an aithrisean gun do rinn e sàrachadh feiseil.
Comhairle na Gàidhealtachd
Tha comhairlichean a' ceasnachadh ciamar a phàigh Comhairle na Gàidhealtachd còrr air £600,000 a bharrachd air na bu chòir do luchd-obrach. Chaidh innse do bhuill gur e as coireach gun robh cuid a dh'fhàg an obair aig an ùghdarras fhathast clàraichte air siostam na Comhairle. Fhuair a' Chomhairle còrr is an ceathramh cuid den airgead air ais, agus tha iad a' dèanamh oidhirp air a h-uile dad dheth a thrusadh.