"Super-sgoil Ghàidhlig" am meadhan na h-Alba?
Nochd beachd gum bu chòir "super-sgoil" Ghàidhlig a stèidheachadh do chloinn ann am meadhan na h-Alba.
Tha grunn bhun-sgoiltean air nochdadh sna sgìrean mu thimcheall air Glaschu sna bliadhnaichean mu dheireadh, ach aig an ìre 'sa feumaidh a chlann a dhol a' Ghlaschu ma tha iad airson foghlam àrd-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig fhaighinn.
Bhruidhinn Ailean Peutan ri teaghlach le triuir chloinne a tha a' dol gu trì goireasan sgoile fa leth ann an sgìrean comhairle fa leth.