Turasachd Innse Gall ann an cunnart
Thàinig rabhadh bho bhuidhinn a tha a' cumail taic ri gnothachasan turasachd sna h-Eileanan Siar gu bheil staing ionmhais a' ciallachadh gu bheil iad ann an cunnart a dhol fodha.
Tha Turasachd Innse Gall ag ràdh, eadar gearraidhean ann am maoineachadh poblach, lùghdachadh bhallrachd agus tuilleadh uallaichean, gum bi co-dhiù £100,000 a bharrachd a dhìth orra gach bliadhna airson cumail a' dol.
Tha an aithris seo aig Ailig John Moireasdan.