Trump, na taraifean agus an taigh-staile

Taigh-staile na Hearadh
  • Air fhoillseachadh

"Pròiseas pianail a bh' ann, dhan a h-uile duine."

Chunnaic mi air aodann Ron McEachran, Àrd-oifigear Ionmhais aig Taigh-staile na Hearadh, nach robh e airson cuimhneachadh air na làithean duilich aig deireadh a' Ghiblein agus toiseach a' Chèitein nuair a chaill 18 de luchd-obrach an taighe-staile na dreuchdan aca.

Àm duilich a bh' ann dha-rìribh sna Hearadh le tomhas de dh'fheirg, mì-chinnt agus dìth-mhisneachd air bualadh air mòran a bha roimhe an dòchas gum biodh obair aca fad am beatha co-cheangailte ri uisge-beatha agus sineabhar.

Cha robh an taigh-staile air 10 bliadhna a ruighinn fhathast - thachair sin air an deireadh-sheachdain a chàidh - ach bha gnothaichean gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta a' bualadh air an Tairbeart.

Doirbh 's ged a bha e, tha Ron deimhinnte às gum b' fheudar an ceum a ghabhail gus a' chompanaidh a chumail a' dol.

"Uaireannan," thuirt e, "feumar co-dhùnaidhean mar seo a dhèanamh gus an gnìomhachas a shàbhaladh agus gus leigeil leis slighe a lorg tro amannan a tha dha-rìribh doirbh."

Daoine a' ceannach uisge-beatha aig Taigh-staile na Hearadh

Tha na meadhanan air feadh an t-saoghail air a bhith air am beò-ghlacadh leis an dàrna turas-stàite aig Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte, Dòmhnall Trump, a Bhreatainn, ach anns na Hearadh, tha sùil gheur ga cumail air na dh'fhaodadh tighinn às.

Tha taraifean air bualadh air iomadh gnìomhachas bho thòisich an dàrna teirm aig Trump san Taigh Gheal, ach tha gnìomhachas an uisge-bheatha gu h-àraidh air buille fhulang.

Thuirt Mgr McEachran: "Ìre eile de dhuilghdeas a th' annta ann an gnìomhachas a tha mar-thà duilich agus toinnte.

"Tha uisge-beatha an Alba stèidhichte gu ìre mhòir ann an àitichean dùthchail ach le a bhith a' cur chnapan-starra eile nar rathad, chan e rud a tha sinn ag iarraidh."

Tha Riaghaltas na h-Alba air innse cheana gun toir iad a h-uile taic as urrainn dhaibh agus bha Àrd-Stiùiriche Taigh-Staile na Hearadh, Simon Erlanger, còmhla ris a' Phrìomh Mhinistear agus riochdairean eile bhon ghnìomhachas ann an Aimeireaga bho chionn ghoirid feuch dòighean a lorg gus na taraifean sin a lùghdachadh.

Bha na Hearaich toilichte a bhith an lùib leithid de dh'iomairt ged nach eil cinnt sam bith gun tig sìon às.

"Tha am fòcas againn air na rudan air am b' urrainn dhuinn buaidh a thoirt agus 's ann air sin a tha ar n-aire gu bhith san àm ri teachd," thuirt Mgr McEachran.

Uisge-beatha na Hearadh

Nochd am facal 'fòcas' tric nuair a bha mi a' bruidhinn ri Mgr McEachran.

Fòcas air na tha iad a' dèanamh air an Tairbeart, fòcas air far an urrainn dhaibh buaidh a thoirt agus fòcas air an t-slighe air adhart don chompanaidh.

Thuirt iad na bu thràithe am-bliadhna gum feumadh iad daoine a chur às na dreuchdan aca "airson a bhith a' dèanamh cinnteach gun cùm an gnìomhachas a' dol".

Tha am pròiseas sin seachad, agus mhìnich an t-àrd-oifigear ionmhais nach eil iad idir airson a bhith san aon suidheachadh a-rithist.

"Cha do rinn sinn na rinn sinn am-bliadhna le dùil barrachd obraichean a chall. Cha b' e rud a tha sin a tha sinn airson a dhèanamh a-rithist idir.

Tha iad ag amas air fàs a thoirt air a' ghnìomhachas, thuirt e.

"Tha rudan ùra againn agus tha adhbhar againn airson a bhith misneachail. Tha sin stèidhichte air cho math 's a tha na tha sinn a dèanamh - tha e aig ìre gu math àrd agus tha daoine ag aithnicheadh sin.

"Sin far a bheil am fòcas againne," mhìnich Mgr McEachran.

Fòcas air na nithean aca fhèin - The Hearach agus an sineabhar - ach le sùil air na thig bho thuras mhic ainmeil na Bana-Leòdhasaich dhan Rìoghachd cuideachd.