"Tha e gu math sìmplidh: faigh a' bhanachdach"
Tha rabhadh ann gu bheil a' ghriùthlach a' sgapadh is comhairle ga toirt às ùr do phàrantan banachdach a thoirt dhan cuid chloinne.
Tha seo a' tighinn às dèidh bàs pàiste ann an Ospadal Alder Hey ann an Liverpool leis a' ghalair.
Chan eil fhios an robh no nach robh an leanabh air banachdach fhaighinn.
Dh'innis an t-ospadal gun robh barrachd chloinne air fàs gu math bochd leis a' ghriùthlaich agus tha 17 duine cloinne air a bhith san ospadal sin leis bhon mhìos seo chaidh.
Tha an t-Oll Dùghlas Moireasdan aig Oilthigh Ghlaschu ag ràdh gu bheil e fìor chudromach gum faigh clann a' bhanachdach.