Iomairt gus eaglaisean is leacan eachdraidheil an Cinn Tìre a shàbhaladh

Tha dà bhuidhinn eachdraidh ann an ceann a deas Chinn Tìre air tighinn còmhla gus trì eaglaisean anns a bheil leacan eachdraidheil agus a tha timcheall air 1000 bliadhna de dh'aois a shàbhaladh.

An-dràsda, chan eil cead aig a' phoball ri dol am broinn a dhà de na h-eaglaisean air sàilleibh dhraghan mu shàbhailteachd.

Ma tha na buidhnean soirbheachail ann a bhith a' faighinn maoineachaidh, tha iad an dòchas gum bi na h-eaglaisean nam pàirt de shlighe eachdraidheil airson Chinn Tìre.

Seo Seonaidh MacCoinnich.