'Soillearachadh a dhìth' air sgeama RET nan aiseagan
Tha trì seachdainean ann bhon a chaidh ceist a thogail ann am Pàrlamaid na h-Alba mu sgeama RET nan aiseagean, is tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh soillearachaidh air a' chùis.
Tha an sgeama a' cumail phrìsean nan aiseagean sna h-Eileanan an Iar agus air Chluaidh aig ìre reusanta dhan a h-uile duine, ach tha coltas ann gu bheil an riaghaltas a' coimhead air atharrachaidhean a thoirt air an sgeama.
Tha Mairi Riddoch ag aithris.