Naidheachdan 11:00m

Dotairean Teaghlaich

Chaidh rabhadh a thoirt gum faodadh gun tèid dotairean teaghlaich ann an Alba air stailc. Tha am BMA air sgrìobhadh gu Rùnaire na Slàinte a dh'innse dha gu bheil GPs air an slighe gu strì obrach mura tèid neo-chothromachd a thaobh maoineachaidh a cheartachadh. Tha an comann ag ràdh gu bheil roinn nan dotairean de bhuidseat an NHS air tuiteam agus nach eil an t-airgead aca airson luchd-obrach fhastadh airson dèiligeadh ris na cuideaman a bharrachd a tha a' tighinn orra. Tha ministearan ag ràdh gu bheil iad air barrachd airgid a chur a-steach dhan t-seirbheis agus gu bheil iad ag obrachadh airson barrachd dhotairean teaghlaich fhastadh.

Gnè

Dh'iarr an t-aonadh luchd-teagaisg as motha ann an Alba, an EIS, gun tèid stiùireadh soilleir a thoirt do sgoiltean mu àiteachan a tha glèidhte a thaobh ghnè. Tha seo às dèidh comhairle eadar-amail bho Choimisean na Co-ionnanachd agus Chòraichecan Daonna nach bu chòir leigeil le boireannaich trans a bhith a' cleachdadh ghoireasan bhoireannach ann an àiteachan mar ospadalan, bhùithdean agus thaighean-bìdhe.

Israel

Thòisich Cùirt Eadar-Nàiseanta a' Cheartais san Hague a' sgrùdadh dè na dleastanasan laghail a th' air Israel airson a bhith a' cumail bìdh agus stuthan cobhair ris na Pailistinianaich ann an Gàsa agus a' Bhruaich an Iar. Tha cha mhòr 40 dùthaich a' gabhail pàirt ann an sgrùdadh na cùirteach a mhaireas còig là. Chan eil na h-Israelich ach a' cur a-steach teisteas sgrìobhte. Tha faisg air dà mhìos ann bhon a chuir iad stad air taic de sheòrsa sam bith a bhith a' faighinn a-steach gu Gàsa.

Cille Mheàrnaig

Thuirt Poileas Alba gun deach fear aois 49 a chur an grèim an co-cheangal ri bàs fhireannaich ann an Cille Mheàrnaig. Chaidh an duine fhaighinn marbh leis na seirbheisean èiginn goirid ro 5:30f Dimàirt nuair a chaidh an gairm gu làraich air Orchard Street. Tha an sgrùdadh aca a' leantainn.

Inbhir Nis

'S tha dùil ri dithis anns a' chùirt an-diugh ann an co-cheangal ri oidhirp gus duine a mhurt ann an Inbhir Nis air an deireadh-sheachdain. Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu ùpraid air Rathad Bhaile an Lòin mu 9:45f oidhche Shathairne. Fhuair iad fear aois 19 air a dhroch ghoirteachadh. Chaidh a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir agus an uair sin gu Ospadal Rìoghail Obar Dheathain. Dhearbh na Poilis gun deach casaidean oidhirp muirt a chur às leth dithis fhireannach aois 19 agus 24.

Kneecap

Mhol ball de Thaigh nam Morairean gum bu chòir stad a chur air a' chòmhlan rap Èireannach Kneecap o bhith a' nochdadh aig fèis chiùil Transmit ann an Glaschu. Bha am ball tar-bheingeach am Morair Walney a' bruidhinn às dèidh do bhidio nochdadh far a bheil an còmhlan ma 's fhìor ag iarraidh air an luchd-èisteachd buill a' Phàrtaidh Thòraidhich a mharbhadh. Tha ceannard nan Tòraidhean, Kemi Badenoch, ag iarraidh gun tèid casaidean glòireachadh ceannairc a chur às leth Kneecap.

Crònan nan Eilean

Agus mu dheireadh tha feadhainn a tha a' còmhnaidh ann an Leòdhas a' gearain gu bheil fuaim neònach a' cur dragh orra. Tha còrr is 200 ag ràdh gu bheil iad air an crònan air a bheil iad a' gabhail "The Hebridean Hum" a chluinntinn, agus gu bheil e a' cumail daoine nan dùisg agus a' toirt buaidh air an slàinte. Chaidh buidheann a chur air dòigh air Facebook le buill a' cruinneachadh fiosrachaidh ann an oidhirp fiosrachadh fhaighinn air dè a tha ag adhbharachadh na fuaime agus cò às a tha e a' tighinn.