Naidheachdan 11:00m
Ofcom
Tha Riaghladair a' Chonaltraidh ag ràdh gun toir na riaghailtean ùra aca air sàbhailteachd chloinne cruth-atharrachadh air gnothaichean air-loidhne. Bidh aig làraichean-lìn ri atharrachadh a thoirt air an dòigh 's a tha stuth ga mholadh do dhaoine òga agus dòighean nas làidire gus aois a dhearbhadh a stèidheachadh ro dheireadh an Iuchair. Tha riaghailtean ùra Ofcom feumach air cead na Pàrlamaid aig Westminster gè-tà.
Am Pàpa
Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba a' dol chun na Ròimh a-màireach airson aifreann tiodhlaigidh a' Phàpa Prainnseas a bhios ann Disathairne. Thuirt John Swinney gu bheil e na urram mòr dha a dhol ann às leth mhuinntir na dùthcha. Tha seo a' tighinn agus còrr air 50,000 duine air an cothrom a ghabhail gus a dhol gus luaidh is urram a shealltainn don Phàpa nach maireann, agus iad air a dhol seachad air a' chiste-laighe sna 24 uairean bho chaidh a ghiùlain gu Basilica an Naoimh Peadar.
Ionnsaigh air Kyiv
Tha Ceann-Suidhe na h-Ucràin a' tilleadh bho thall-thairis nas tràithe às dèidh na h-ionnsaigh mòire Ruiseanaich air Kyiv a-raoir. Chaidh co-dhiù naoinear a mharbhadh agus grunnan eile a ghoirteachadh. Thuirt Feachdan Adhair na h-Ucràin gun robh 145 dròna agus 70 urchair air an cleachdadh san ionnsaigh air prìomh-bhaile na dùthcha.
An Ucràin
Tha seo a' tighinn agus an Ceann-Suidhe Trump air an tuilleadh ìmpidh a chur air an Ucràin gèilleadh ris an Ruis nuair a thig e gu pìosan talmhainn mar dhòigh gus aonta sìthe a ruighinn. Dh'fhàg Mgr Trump air a' Cheann-Suidhe Zelenksy gur e an cnap-starra as motha a th' ann nuair a thig e gu sìth. Tha Kyiv ag ràdh ge-tà, gu bheil ionnsaigh na h-oidhche a-raoir a' sealltainn gur e Moscow an cnap-starra.
Comhairle na Gàidhealtachd
Chaidh innse do Chomhairle na Gàidhealtachd nach urrainn dhaibh a bhith a' crochadh air an leithid airgead-stòrais gus seirbheisean a lìbhrigeadh. Thuirt Coimisean nan Cunntasan gum feumar smachd a chumail air na tha iad a' toirt a-mach air iasad leis gur ann aig an ùghdarras ionadail a tha na suimean as motha sa chumantas an taca ri comhairlean eile na dùthcha. Thuirt a' Chomhairle gu bheil iadsan a' gabhail feairt air an aithneachadh bhon Choimisean gu bheil iad a' feuchainn ri cruth-atharrachadh a thoirt air mar a thathas a' toirt seachad nan seirbheasan aca.