Naidheachdan 10:00m
Cogadh Ghàsa
Tha Israelaich a' cruinneachadh aig tachartasan gus dà bhliadhna bho ionnsaighean Hamas a chomharrachadh. Chaill còrr air 1,200 duine am beatha anns na h-ionnsaighean agus chaidh 251 Israelach eile a thoirt am bruid. A rèir ministreachd na slàinte ann an Gàsa, chaidh co-dhiù 67,160 duine a mharbhadh an sin bho thòisich an cogadh. Tha còmhraidhean neo-dhìreach a' leantainn eadar Hamas is Israel anns an Èipheit an-diugh is iad a' tòiseachadh mun àm seo fhèin, agus iad a' beachdachadh air plana-sìth nan Aimeireaganach.
Togail fianais
Dh'iarr Sir Keir Starmer air oileanaich is daoine eile a tha an dùil fianais a thogail air feadh na Rìoghachd Aonaichte an-diugh a' cur taic ri Pailistinianaich gun sin a dhèanamh. Thuirt e nach biodh e Breatannach agus gum biodh e a' sealltainn dìth spèis do dhaoine eile.
Tòraidhean
Tha ceannard nan Tòraidhean Kemi Badenoch air a bhith a' dìon rùnaire dhùbhlanach a' cheartais Raibeart Jenrick an dèidh mar a chaidh a chlàradh ag ràdh nach robh e air "aodann geal eile fhaicinn" agus e air turas gu Handsworth ann am Birmingham. Thuirt Ms Badenoch gur ann a bha e a' feuchainn ri puing a thogail mu dheidhinn amalachais.
Tubaist
Tha rathad an A836 dùinte air taobh a-muigh stèisean cumhachd Dhùnrath ann an Gallaibh an dèidh tubaist-rathaid madainn an-diugh. Thachair an tubaist anns an robh trì carbadan mu 07:40m agus chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn. Tha slighe eile air a comharrachadh do dhraibhearan agus thathar ag iarraidh orra an sgìre a sheachnadh.
Cinn Tìre
Dhearbh CalMac nach bi seirbheis aiseig a' ruith eadar Ceann Loch Chille Chiarain agus Àird Rosain an ath-bhliadhna a bharrachd. Bha gnothachasan an sin an dòchas gun tilleadh an t-seirbheis a chaidh a stèidheachadh an toiseach ann an 2013 airson turasachd a bhrosnachadh. Tha trì bliadhna o nach robh an t-aiseag a' dol. Thuirt Caledonian Mac a' Bhruthainn gum feumadh iad prìomhachas a thoirt do shlighean a tha deatamach agus nach coimheadadh iad air a' chùis às ùr gus am faigheadh iad na soithichean ùra aca. Thuirt Còmhdhail Alba gun robh iad mothachail air a' bhuaidh a tha trioblaidean seirbheis a' toirt air coimhearsnachdan.
Dealan
Tha mu thimcheall air 2,000 dachaigh fhathast gun an dealan fhaighinn air ais an dèidh Stoirm Amy a bhuail aig deireadh na seachdaineach. 'S ann anns a' cheann a tuath agus ann an Earra-Ghàidheal a tha a' chuid as motha de na dachannan seo. Thuirt SSEN gun robh iad an dòchas cumhachd a thilleadh chun a h-uile duine ro a-nochd.