Naidheachdan 11:00m
Na h-Ìnnseachan
Anns an leth-uair a thìde mu dheireadh tha am Prìomhaire air ainm a chur ri aonta malairt leis na h-Ìnnseachan a thathar an dòchas a bheir na billeanan notaichean a-steach dhan eaconomaidh ann am Breatainn. Ìslichidh na h-Ìnnseachan taraifean air uisge-beatha Breatannach, bradan is càraichean. Agus bheir an Rìoghachd Aonaichte a-steach barrachd sheudan, obair-aodaich agus stuthan eile as na h-Ìnnseachan. Tha Sir Keir Starmer agus Prìomhaire nan Ìnnseachan Narendra Modi aig Chequers an-dràsta fhèin. Thuirt Sir Keir gur e là eachdraidheil a bha seo.
Turas Dhòmhnaill Trump
Tha Poileas Alba ag ràdh gu bheil planaichean aca airson dèiligeadh ri dà bhuidhinn a bha a' togail fianais ann an Glaschu aig deireadh na seachdaineach, a dh'aindeoin na h-iomairt tèarainteachd gu math mòr a bhios a' cuairteachadh turas Dhòmhnaill Trump gu Turnberry. Thèid ralaidh is caismeachd a chumail ann am meadhan bhaile Ghalschu feasgar Disathairne às dèidh togail-fianais eile a chumail an aghaidh gràin-cinnidh. Tha dùil gum bi na mìltean oifigearan poilis an sàs le turas a' Chinn-suidhe. Tha e a' tighinn a dh'Alba a-màireach.
Cambodia
Tha Ministreachd Slàinte Thailand ag ràdh gun deach 11 shìobhaltach agus aona shaighdear a mharbhadh ann an sabaid air a' chrìch le Cambodia. Tha Thailand a' fàgail air an nàbaidh aca gun do loisg iad rocaidean air baile beag agus gun tug iad ionnsaigh air ospadal. Tha arm Thailand air ionnsaighean a thoirt air targaidean airm Chambodia. Dhùin Thailand na crìochan aca air fad le Cambodia agus tha iad air iarraidh air saorannaich na dùthcha sin Thailand fhàgail.
Tubaist-rathaid am Fìobha
Tha poilis ann am Fìobha a' dèanamh rannsachaidh an dèidh tubaist-rathaid tron oidhche 's gun sgeul air deugaire. Fhuair poilis aithrisean gun robh càr na theine air a' B914 tuath air Cill Conchair. Chuir smàladairean às an teine ach cha deach duine sam bith a lorg am broinn a' chàir. Thuirt poilis gun robh iad a' smaoineachadh gun do theich an dràibhear, Matthew Milne, aois 17, agus tha iad airson a bhith cinnteach gu bheil e slàn agus sàbhailte.
Taigh-seinnse Ghleann Ùige
Tha coimhearsnachd Ghleann Ùige an dùil taigh-seinnse a cheannach anns a' choimhearsnachd le taic-airgid £350,000. Tha seiseanan ciùil gu tric san taigh-sheinnse agus 's e aon de dheich pròiseactan dha bheil Maoin Fearainn na h-Alba a' toirt taic am-bliadhna.