Naidheachdan 11:00m

Iràn

Thuirt an Ceann-Suidhe Trump uair eile gun do rinn ionnsaighean Aimeireaganach sgrios air prògram niuclasach Iràn, a dh'aindeoin aithisg dhìomhair às na Stàitean Aonaichte a thuirt nach do chuir iad ach maill beagan mhìosan ann. Thuirt Mgr Trump, a th' aig àrd-choinneimh NATO anns an Hague, gun do chuir iad às gu tur dha na làraichean.

Plèanaichean Ùra

Thuirt Sràid Dhowning gun dèan dusan itealan cogaidh ùr air chomas urchairean niùclasach a ghiùlain an neartachadh as motha ann an ginealach ann an armachd Bhreatainn. Bidh dearbhadh air an aonta aig àrd-choinneimh NATO anns an Hague far an geall ceannardan barrachd a chosg air dìon.

Niuclasach

Bhòt Pàrlamaid Iràn airson casg rè ùine air conaltradh ri buidhinn faire niùclasaich an UN. Ma thèid aontachadh, chuireadh Iràn stad air a' bhuidhinn faire bho bhith a' sgrùdadh nan làraichean niùclasach aca.

Seirbheis Smàlaidh

Tha easaonta eadar Seirbheis Smàlaidh na h-Alba agus aonadh nam feachdan smàlaidh mu chòrr is 20 atharrachadh a tha ceannardan na seirbheis a' moladh. Am measg iad sin tha 13 stèisean a dhùnadh. Tha àrd-oifigich na seirbheis ag ràdh nach bi slàinte a' phobaill ann an cunnart, ach tha dragh air an aonadh gun tèid beatha dhaoine a chall.

Sochairean

Thug ceannardan anns a' Phàrtaidh Làbarach rabhadh do chùl-bheingearan gum bi iad an ìre mhath a' cur cion-earbsa san Riaghaltas, agus anns a' Phrìomhaire, ma 's e agus gum bhòt iad an ath-sheachdain an aghaidh plana an Riaghaltais sochairean a ghearradh. Dh'iarr còrr is 120 cùl-bheingear cur às dha na molaidhean, ach tha Sir Keir Starmer ag ràdh gun cùm e air adhart leotha.

Rèile Fo-thalamh Ghlaschu

Tha rèile Subway Ghlaschu na tàmh an-diugh oir gu bheil luchd-obrach a dhiùlt àrdachadh pàighidh air stailc. Tha coltas gum bi làn sheirbheis ann a-màireach, ach tha dùil ri stailcean eile an-earar agus Disathairne.