Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a' tilleadh a Loch Abar
As dèidh ochd bliadhna tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a' tilleadh dhan a' Ghearastan agus a Loch Abar.
'S e seo an ceud trichead is a treas Mòd an Loch Abar agus thathar an dùil ri mu dhà mhìle farpaiseach an seo thairis an air t-seachdain a tha romhainn.
Thàinig àrdachadh air àireamh nam farpaiseach son an treas bliadhna ann an sreath, rud a thug tlachd don Chomann Ghàidhealach.
Ge-ta, tha briseadh dùil ann cuideachd leis nach eil ach triùir fhireannach ann am farpais a' bhuinn òir ach, thathar a' gealltainn farpais aig àrd ìre.
Seo Calum MacAmhlaidh.