Naidheachdan 3:00f

Iràn

Tha an Ceann-Suidhe Trump air slaic a thoirt air an dà chuid Iosrael agus Iràn agus e a' fàgail orra gu bheil iad air an fhosadh-cogaidh a dh'ainmich e a bhriseadh. Thuirt e nach robh e idir air a dhòigh leotha, 's e air fìor dhroch chainnt a chleachdadh gus innse gu bheil an dà dhùthaich air a bhith a' sabaid an aghaidh a chèile cho fada 's nach eil fhios aca dè tha iad a' dèanamh.

Sochairean

Tha am Prìomhaire air innse do mhinisteirean gu bheil iad a' dol a thoirt atharrachadh air siostam nan sochairean a dh'aindeoin 's gu bheil mòran chùl-bheingearan Làbarach a' cur an aghaidh nam planaichean. Tha còrr air 100 ball-pàrlamaid - naoinear bhall Albannach nam measg - a' cur taic ri oidhirp gus bacadh a chur air na planaichean. Thuirt Sir Keir Starmer ge-tà, gum feumar co-dhùnaidhean doirbh a dhèanamh gus na tha briste da rèir-san a chàradh.

Aillse

Tha an àireamh as ìsle de dh'euslaintich le aillse an Alba a' tòiseachdainn air leigheas taobh a-staigh na h-ùine a tha na targaid aig Riaghaltas na h-Alba. Chaidh nas lugha na 69% fhaicinn taobh a staigh 62 là - sin sa chiad chairteal den bhliadhna. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil dèiligeadh ri aillse na phrìomhachas dhaibh 's gu bheil còrr air £14m ga chosg feuch lùghdachadh a thoirt air amannan feitheimh.

NATO

Tha ceannard na buidhne NATO air feuchainn ri draghan chuid mu ghealltanas nan Stàitean Aonaichte a thaobh na buidhne a shàsachadh - agus àrd-choinneamh ga cumail san Òlaind. Thuirt Mark Rutte gum bu chòir don bhallrachd sgur a bhith cho iomaigeanach mun sin, 's obrachadh air planaichean gus àrdachadh a thoirt air na tha iad a' cosg air dìon.

An Ucràin

Tha oifigich san Ucràin ag ràdh gun deach naoinear a mharbhadh agus còrr air 70 a ghoirteachadh ann an ionnsaigh Ruiseanaich air baile Dnipro air taobh sear na dùthcha. Thuirt ceannard na sgìre gun deach milleadh a dhèanamh air bunstructar sìobhalta - treàna agus gym na mheasg.

Oilthigh Dhùn Dè

Tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt £40m a bharrachd do dh'Oilthigh Dhùn Dè feuch dèiligeadh ris an staing ionmhais a th' aca. Tha iad ga dhèanamh gun a bhith a' dol tro Chomhairle Maoineachaidh na h-Alba. Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim Jenny Gilruth gu bheil iad ga thoirt seachad thairis air dà bhliadhna academigich agus gu bheil cumhaichean na chois.

Glaschu

Chaidh fear a thoirt don ospadal às dèidh mar a chaidh a leagail le càr a dh'aona-ghnothaich ann an ceann a tuath Ghlaschu. Thuirt na poilis gun deach an duine, a tha 22, a leagail air Rathad Asghill ann an sgìre Milton den bhaile goirid ro 7:00f a-raoir. Chaidh a thoirt don ospadal 'son leigheis às dèidh a' bhuairidh anns an robh trì charbadan an sàs.