Naidheachdan 11:00m
Fayed
Tha triùir bhoireannach a' fàgail air an aon fhear a tha fhathast beò de bhràithrean Mhohamed Al Fayed gun tug e ionnsaighean drabasta orra nuair a bha iad ag obair aig Harrods anns an 90an. Tha Ali Fayed, a tha 82 bliadhna de dh'aois agus a tha a' fuireach anns na Stàitean Aonaichte, a' dol às àicheadh. Tha aon bhoireannach ag ràdh gun tug e ionnsaigh oirre nuair a bha i ag obair dhan teaghlach air Oighreachd Bhaile a' Ghobhainn air Taobh Sear Rois ann an 1992.
Dòmhnall Trump
Dh'iarr na Dùthchannan Aonaichte air na Stàitean Aonaichte cur às de na casg-bhannan a chuir an Ceann-suidhe Trump air Cùirt Eadar-nàiseanta na h-Eucoir. Thuirt Mgr Trump gu bheil an ICC ri dol a-mach mì-laghail agus gun stèidh an aghaidh Aimeireaga agus Israel, aig nach eil ballrachd sa chùirt.
Tuathanaich
Cuiridh am Prìomh Mhinistear, John Swinney, a thaic an-diugh ris an iomairt an aghaidh cìs-oighreachd air tuathanaich. Innsidh Mgr Swinney do cho-labhairt bhliadhnail Aonadh nan Tuathanach ann an Glaschu gun cuir plana Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ris na trioblaidean a tha mu choinneimh ghnìomhachas an àiteachais.
Plèana
Tha rannsachadh a' dol air adhart airson plèana a chaidh à sealladh ràdar ann an Alaska. Bha naoinear agus am pìleat air an itealan Cessna aig a' chompanaidh Bering Air.
Spiorad na Mara
Tha a h-uile coltas strì an aghaidh a' phlana airson tuath-gaoithe Spiorad na Mara far chosta an iar Leòdhais, an dèidh coinneimh poblaich an-raoir. Thuirt BP nan eilean aig Westminster, Torcuil Crichton, a bha aig a' choinneimh ann an Siabost, gu bheil e a' tuigsinn gu bheil mì-thoileachas ann ach gum feum pròiseactan den t-seòrsa a dhol air adhart airson a bhith a' strì an aghaidh atharrachadh na h-aimsire.
A96
Thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop, gum bi crìoch an ceann beagan mhìosan air a' phròiseas fon tèid fearann a cheannach airson rathad an A96 a dhùblachadh eadar Inbhir Nis 's Inbhir Narann. Thuirt i gun cosg e mu £12m an talamh a tha a dhìth a cheannach.