Naidheachdan 11:00m
Toraidhean Dheuchainnean
Rinn Rùnaire Foghlaim na h-Alba, Jenny Gilruth, toileachas ri toraidhean dheuchainnean na bliadhna seo a tha sgoilearan a' faighinn an-diugh. Tha iad a' dol a-mach gu faisg air 150,000 duine, agus tha daoine air a bhith nas soirbheachaile san fharsainneachd am-bliadhna. Thuirt an Riaghaltas gu bheil na h-àireamhan a' sealltainn gu bheil a' bhèarn eadar sgoilearan bho theaghlaichean nach eil cho math dheth agus feadhainn a tha a' dùnadh. Tha maill air toraidhean chuid a tha a' feitheamh orra tron phost ge-tà, air sgàth Stoirm Floris. Thuirt Ùghdarras Theisteanasan na h-Alba gur dòcha nach fhaigh cuid de dh'oileanaich anns na h-Eileanan Siar, an Arcaibh agus an Sealtainn na toraidhean tron phost an-diugh ri linn buaidh na stoirme.
Stoirm Floris
Agus tha buaidh na stoirme fhèin a' leantainn, gu sònraichte le iomadh dachaigh fhathast gun chumhachd an dealain. Thuirt SSEN gu bheil iad ag obair gu trang airson a thoirt air ais dhaibh. Tha Network Rail ag ràdh gu bheil iad trang a' togail spriùillich far loidhnichean rèile a tha fhathast dùinte.
Inimrichean Mì-laghail
Dh'fhaodadh gun tèid na ciad inimrichean mì-laghail a chur an grèim an t-seachdainn seo fo aonta ùr leis an Fhraing, a rèir an Riaghaltais. Airson gach inimriche mì-laghail a dheadh a thilleadh dhan Fhraing, ghabhadh Breatainn neach-siridh comraich aig a bheil ceangal air choireigin ann am Breatainn. Ach tha na Tòraidhean den bheachd nach dèan e diofar sam bith do na tha a' tighinn a-nall gu mì-laghail air bàtaichean beaga.
Bàigh na Hearadh
Dhearbh riochdairean coimhearsnachd anns na Hearadh gu bheil iad air aonta a ruighinn le uachdaran Oighreachd nam Bàgh airson am fearann a cheannach. Tha slighe ri dhol fhathast ge-tà, mus urrainn dhaibh sin a dhèanamh. Tha aca a-nis ri airgead a thrusadh air a shon.
Ceilp
Tha luchd-saidheans den bheachd gum faodadh ceilp a bhith cudromach airson cladaichean na h-Alba a dhìon bho chrìonadh 's bhon làn a bhith a' tighinn thairis. Rinn eòlaichean ann an Oilthigh Heriot-Watt rannsachadh ann an Arcaibh 's an Uibhist, far a bheil crìonadh is muir-làn tric nan cunnart. Fhuair iad gum faodadh feamainn àirde nan stuadh a chumail sìos, agus gum faodadh sin an call air tìr a lùghdachadh.