Naidheachdan 11:00m
Bile nan Sochairean
Dh'aidich an t-àrd-mhinistear riaghaltais, Pat McFadden, gum bi buil air ionmhas an dèidh do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cur às dhan mhòr-chuid de na molaidhean airson airgead a shàbhaladh le gearraidhean ann am buidseat nan sochairean. Thàinig air an Riaghaltas gèilleadh gu ìre mhòir airson gun seachnadh iad ar-a-mach am measg nan cùl-bheingearan aig bhòt ann an Taigh nan Cumantan a-raoir.
Gàsa
Thuirt an Ceann-Suidhe Trump gun do ghabh Israel ri cùmhnantan airson fosadh fad 60 là san t-sabaid ann an Gàsa. Dh'iarr Mgr Trump air Hamas gabhail ris an aonta. Cha tuirt Israel neo Hamas dad fhathast.
Lucy Letby
Tha Seirbheis Casaid a' Chrùin ann an Sasainn a' beachdachadh air an tèid tuilleadh chasaidean a thogail an aghaidh Lucy Letby a mhuirt seachdnar leanaban nuair a bha i ag obair mar nurs aig Ospadal Countess of Chester. Thug Poileas Cheshire, a tha air a bhith a' rannsachadh thachartasan eile aig an ospadal sin agus aig Ospadal nam Ban ann an Liverpool, tuilleadh fianais dhan t-seirbheis chasaid.
SSEN
Tha Turasachd Innse Gall am measg na tha ag iarraidh soillearachaidh air buaidh leasachadh dealain SSEN ann an Leòdhas. Tha obair ri tòiseachadh an ath-bhliadhna air fo-stèisean 's air càball-dealain ùr. Tha ceistean ann càite am bi luchd-obrach a' fuireach, dè a' bhuaidh a bheir sin air turasachd, agus mu àitichean-fuirich arison a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail ann an Steòrnabhagh an ceann dà bhliadhna.
Ceòlas
Tha ceannardan feis Ceòlas a' gearain gun do dh'atharraich Caledonian Mac a' Bhriuthainn clàr-ama Uibhist a Deas aig àm na fèise a tha a' tòiseachadh air an deireadh-sheachdain. Tha stiùirichean na fèise ag ràdh gun do gheall CalMac nach gluaiseadh iad an clàr-ama gu an dèidh an t-7mh den Iuchar, a' ciallachadh gum faigheadh oileanaich agus luchd-ciùil dhan chuirm fhosglaidh Didòmhnaich. Thuirt CalMac gun do dh'innis iad meadhan na seachdain seo chaidh gur dòcha gum feumadh iad bàtaichean a ghluasad agus nach do gheall iad aig àm sam bith nach biodh atharrachadh ann.
Càintean Parcaidh
Thog Comhairle na Gàidhealtachd £430,000 ann an càintean parcaidh san Eilean Sgitheanach air a' bhliadhna a chaidh seachad. Bha a' mhòr-chuid dhiubh sin aig làraichean luchd-turais agus tha an àireamh air a bhith a' sìor èirigh gach bliadhna bho chionn còig bliadhna.