Belladrum gus tòiseachadh le Falasgair

- Air fhoillseachadh
'S iad an còmhlan Sgitheanach "Falasgair" a th' air cothrom a bhuannachadh tro fharpais thàlant airson nochdadh air a' phrìomh àrd-ùrlar a dh'fhosgladh fèis-chiùil Bhelladrum na bliadhna seo.
Chaidh an fharpais thàlant a chumail leis an fhèis ann an co-bhann le BBC ALBA, le luchd-ciùil o air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' cur airson a' chothruim, air an deach bhòt phoblach a chumail.
Chaidh geàrr-liosta de dh'ochd ainmean a tharraing, agus rinn Falasgair a' chùis air The Chosen Lonely, The Cherries, Scott C. Park, El Sartel, Isla Scott, Low Light Listening Lounge agus Ró Ó hEadhra.

Cluichidh Falasgair measgachadh de dh'òrain cho-aimsireil, traidiseanta agus air an sgrìobhadh aca fhèin, le Macaulay Ross air an fhidheil, Dougal McKiggan agus Finn Mac a' Phearsain air an fheadaig 's a' phìob-mhòir, Ben Muir air a' mheur-chlàr, Caetano Hayes Pelletti air a' ghiotar 's am bouzouki, agus Eoghainn Peutan air a' bhodhran.
"Bha mi aig Belladrum caran tric nam òige, ach cha do shaoil mi riamh gum bithinn fhèin air a' phrìomh àrd-ùrlar a' cluich le mo charaidean, so 's e faireachdainn caran surreal a th' ann," thuirt Finn Mac a' Phearsain.
"Tha sinn uabhasach taingeil dhan a h-uile duine a bhòt air ar son - cha b' urrainn dhuinn a bhith air a dhèanamh gun an taic iongantach bho ar teaghlaichean, ar caraidean agus a' choimhearsnachd ionadail. Tha e a' sealltainn cho làidir 's a tha ceòl an seo.
"Tha seo air tighinn aig fìor dheagh àm dhuinne mar chòmhlan, agus sinn a' clàradh a' chiad albaim againn a thèid a sgaoileadh nas fhaide den bhliadhna.
"Tha sinn a' dèanamh fiughair ri bhith a' cur na fèise gu dol san dòigh thraidiseanta - leis a' phìob!"
Dhaibhsan nach tèid aca air a bhith an làthair bidh Belladrum ga chraoladh le BBC ALBA agus air iPlayer a' BhBC, a' tòiseachadh Diardaoin 31mh an Iuchar.