Leabhar ùr mu dhualchas Ghàidhealach airson luchd-turais

Tha leabhar ùr ag amas air tuigse nas fheàrr a thoirt do luchd-turais dhan Ghàidhealtachd air eachdraidh agus dualchas nan Gàidheal.

'S e an t-eòlaiche eachdraidh agus neach-iùil, Coinneach MacIlleathain, a' sgriobh 'Travels in Another Country, A Guide to Gaelic Scotland'.

Thuirt e gu bheil e airson cuir às do "bhreugan agus sgeulachdan fuadain" mu na Gàidheil ann an gnìomhachas na turasachd.

Tha Ruairidh MacÌomhair ag aithris.