Naidheachdan 10:00m

Diogo Jota

Tha na Poilis anns an Spàinn air innse anns an leth-uair a dh'fhalbh gun do dh'eug cluicheadair-aghaidh Liverpool Diogo Jota ann an tubaist-rathaid ann an iar-thuath na dùthcha. Bha e 28. Tha dùil gun robh e a' siubhal faisg air Zamora nuair a thàinig an càr aige far an rathaid ann an uairean beaga na maidne. Tha tuigse ann gun robh a bhràthair a' siubhal còmhla ris aig an àm. Bha e mar phàirt mhòr den sgioba a bhuannaich Prìomh Lìog Shasainn air an t-seusan a chaidh, 's e a' cluiche cuideachd do sgioba nàiseanta Phortagail. Thuirt Caidreachas Ball-Coise Phortagail gu bheil iadsan "le cridhe briste" t-sàilleibh na naidheachd.

Sir Keir Starmer

Thuirt am Prìomhaire gur ann airsan a tha an t-uallach airson an atharrachaidh air Bile nan Sochairean Sòisealta - rud a chuir fearg air mòran bhall-pàrlamaid Làbarach agus a dh'fhàg beàrn mhòr anns an sporran phoblach. Thuirt e nach robh gnothach aige sin ri cho troimh-chèile 's a bha an Seansalair a' coimhead anns na Cumantan an-dè, agus thuirt e gu bheil e a' cur a thaic ri Rachel Reeves airson nam bliadhnaichean ri thighinn.

Cumhachd Niuclasach

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air iarraidh uair eile gun rachadh stèiseanan cumhachd niùclasach ùra a thogail an seo an Alba. Thuirt Rùnaire na h-Alba, Iain Moireach, gu bheil an dùthaich ann an cunnart cothrom air dealan nas saoire 's obraichean sgileil a chall t-sàilleibh feallsanachd an Riaghaltais Albannaich. Tha ministearan air leasachaidhean den t-seòrsa seo a dhiùltadh roimhe seo ge-tà, leis na cumhachdan a th' aca, agus tha iad air a ràdh gur e cumhachd ath-nuadhachail am fòcas.

Pàislig

Chaidh fear 40 bliadhna de dh'aois a chur an greim às dèidh mar a dh'eug fireannach eile air an deach lorg fhaighinn air sràid ann am Pàislig 's e air a dhroch ghoirteachadh. Chaidh fios a chur air na poilis ann an uairean beaga na maidne mun duine a dh'fhuiling droch dhochann air Rathad Ghrianaig. Chaidh an duine, a bha 39, a thoirt do dh'Ospadal Oilthigh na Banrigh Ealasaid ann an Glaschu far an do dh'eug e.

Turasachd

Tha a' chompanaidh turasachd Visit Scotland ag ràdh gu bheil iad a' feuchainn ri cothromachadh a ruighinn 's seusan na turasachd a' tòiseachdainn air a' Ghàidhealtachd. Tha iad ag ràdh gu bheil turasachd a' cur taic ri 18,000 obair anns an sgìre ach gu bheil iad cuideachd a' cur romhpa fàs a thoirt air an roinn ann an dòigh a tha a' tighinn a rèir a' bhun-structair a th' ann.

Meteor

Tha dùil gun deach meteor fhaicinn anns na speuran an-raoir. Tha daoine air aithris gun robh iad air solas mòr orainns fhaicinn anns na speuran aig mu 12:50m an-diugh. Tha iad ag ràdh gun deach fhaicinn ann an Leòdhas, an Sruighlea, an Glaschu agus cuideachd ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.