Naidheachdan 11:00m

Inimreachd

Tha figearan a chaidh fhoillseachadh an-diugh a' dèanamh dheth gun do thuit àireamh imrich na Rìoghachd Aonaichte an dàrna cuid anns a' bhliadhna gu deireadh na Dùbhlachd. A rèir Oifis nan Staitistig Nàiseanta nuair a thèid imrich a-mach agus a-steach às an dùthaich a chunntadh lùghdaich an àireamh bho 860,000 ann an 2023, gu 431,000 an-uiridh.

Washington DC

Thuirt Riaghaltas Israel gur e "gràin an aghaidh Iùdhach" an dèidh ionnsaighean an t-7mh là den Dàmhair air Israel a dh'fhàg dithis luchd-obrach ambasaid Israel ann an Washington air am murt. Chaidh ionnsaigh a thoirt air Yaron Lischinsky agus Sarah Milgrim nuair a bha iad a' fàgail taigh-tasgaidh Iùdhach an-raoir. Thuirt na Poilis gun do dh'èigh an duine a tha fo amharas "saor Pailistin" às dèidh dha a bhith air a thoirt an grèim.

Kneecap

Chaidh casaid eucoir ceannairc a chur an aghaidh fear de bhuill a' chòmhlain Kneecap bho Èirinn a Tuath. Thathas a' cur às leth Liam O'Hanna, a bhios a' cleachdadh an ainm Mo Chara, gun robh bratach a bha a' cur taic ris a' bhuidhinn Hezbollah aige air an àrd-ùrlar aig cuirm ann an ceann a tuath Lunnainn anns an t-Samhain a chaidh. Aig an àm thuirt Kneecap nach robh iad a' toirt taic do Hezbollah. Air a' mhìos a chaidh bha am Prìomh Mhinistear am measg na dh'iarr gun deadh an còmhlan a thoirt far chlàr fèis-chiùil Transmit às dèidh do bhidio sealltainn gun do dh'iarr fear anns a' chòmhlan air daoine am ball-pàrlamaid ionadail aca a mharbhadh.

Castlehill

Rinn dachaigh-cùraim ann an Inbhir Nis gairm foirmeil an aghaidh Buidheann-Sgrùdaidh a' Chùraim 's iad ag ràdh gun deach riaghailtean a bhriseadh anns an sgrùdadh a rinneadh na bu thràithe air a' bhliadhna. Fhuair Dachaigh-cùraim Castlehill brathan an t-seachdain a chaidh ag innse gum feumadh iad gnothaichean a leasachadh às dèidh do dhraghan mòra nochdadh mun ionad. Chaidh innse dhaibh gum feumadh iad piseach a thoirt air ìre a' chùraim a bha iad a' toirt seachad no gum faodadh iad an clàradh oifigeil aca a chall.

Maoineachadh Chomhairlean

Tha toll de £650m ann am buidseat ùghdarrasan ionadail na h-Alba. A rèir aithris le Coimisean nan Cunntasan feumaidh comhairlean na stòrasan airgid aca a chleachdadh agus na seirbheisean aca a ghearradh airson 's gun tèid aca air na buidseatan aca a chothromachadh. Tha sin a dh'aindeoin gun do dh'èirich an t-suim airgid a fhuair na comhairlean bho Riaghaltas na h-Alba.