Naidheachdan 10:00m
Dòmhnall Trump
Tha dùil ris a' Cheann-Suidhe Trump an Alba a-nochd fhathast air turas pearsanta a mhaireas còig làithean. Tha e gu bhith a' tadhal air na raointean goilf aige ann an Siorrachd Àir agus an Siorrachd Obar Dheathain, ach tha e cuideachd gu bhith a' coinneachadh ris a' Phrìomhaire agus ris a' Phrìomh Mhinistear. Tha dùil gum bi cuid a' togail fianais an aghaidh a thurais ge-tà.
Gàsa
Tha Sir Keir Starmer dol a chumail còmhraidh ri Ceann-Suidhe na Frainge agus Seansalair na Gearmailt an-diugh fhathast gus bruidhinn air an t-suidheachadh ann an Gàsa. Tha seo a' tighinn às dèidh don Cheann-Suidhe Macron innse gu bheil an Fhraing dol a thoirt aithne oifigeil do stàit Phailistinianaich san t-Sultain. Tha Israel agus na Stàitean Aonaichte air càineadh làidir a dhèanamh air a cho-dhùnadh.
Mhairi Black
Tha seann leas-cheannard an SNP aig Westminster, Mhàiri Black, air a' phartaidh fhàgail. Ann an agallamh leis an Herald thuirt i gun robh fada cus thursan ann far nach robh i ag aontachadh le co-dhùnaidhean a chaidh a dhèanamh an co-cheangal ri gnothaichean LGBT agus Pailistin. Chaidh a taghadh gu Westminster ann an 2015, 's chuir i a cùl ris a' Phàrlamaid an-uiridh. Thuirt labhraiche don SNP don phàipear-naidheachd gu bheil iad uile a' gabhail ri feallsanachd John Swinney 'son Alba nas fheàrr agus nas cothromaiche.
Air-Loidhne
Tha riaghailtean ùra gan cur an sàs an-diugh feuch dìon a chur air cloinn is daoine òga air-loidhne. Bidh aig làraichean-lìn agus apaichean anns a bheil dealbhan drabasta air a neo stuth cunnartach eile ri dearbhadh gu bheil an luchd-cleachdaidh san Rìoghachd Aonaichte nas sine na 18 mar phàirt de dh'Achd na Sàbhailteachd air an Eadar-Lìon.
Creic
Tha fiogairean a chaidh fhoillseachadh madainn an-diugh a' sealltainn gun tàinig àrdachadh 0.9% air na chaidh a chreic san Rìoghachd Aonaichte san Ògmhios an taca ris a' mhìos roimhe sin. Tha dùil gur e na chaidh a chosg air deochan agus air aodach a bu chòireach gu ìre mhòir 'son an àrdachaidh.
New Craigs
Tha Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd a-niste le sealbh oifigeil air Ospadal New Craigs an Inbhir Nis às dèidh 25 bliadhna de sgeama ionmhais chonnspaidich. Bha an t-ospadal 'son leigheis-inntinn am measg grunn phròiseactan a chaidh a thogail tron sgeama far am biodh companaidhean a' pàigheadh 'son a bhith gan togail agus gan cumail aig ìre 'son airgid bhliadhnail. Thuirt Àrd-Oifigear a' bhùird-slàinte, Fiona Davies, nach toir seo buaidh air na seirbheisean a tha ri fhaighinn ann.