Three Lions air a' bhocsa a dh'fhàg RuMac nochdadh san fhilm ùr aig Danny Boyle

RuMac Tùs an deilbh, RUMAC
  • Air fhoillseachadh

Tha fear-ciùil à Ullapul air a bhith a' bruidhinn mu mar a chaidh iarraidh air nochdadh san fhilm ùr zombie aig Danny Boyle, 28 Years Later.

Chan eil cead aig Ruairidh MacIlleathain, a tha aithnichte mar RuMac, cus a ràdh mun phàirt den fhilm sa bheil e ach tha dùil gur ann aig pàrtaidh a tha e.

Chaidh a thaghadh an dèidh mar a chunnaic dithis de chriutha an fhilm e a' cluich air a' Ghàidhealtachd agus mhol iadsan do Bhoyle pàirt a thoirt dha san fhilm, a chaidh fhoillseachadh an t-seachdain a chaidh.

Tha Ruairidh den bheachd gun robh iad aig cuirm nuair a chaidh iarraidh air Flower of Scotland a chluich ach, làn mì-mhodh, cha do rinn e sin ach ochd mionaidean de Tree Lions, òran a sgrìobh David Baddiel, Frank Skinner agus an còmhlan The Lightning Seeds airson farpais Euros Uefa an Sasainn ann an 1996.

Fo-thiotal a’ bhidio,

RuMac san fhilm ùr sòmbaidh aig Danny Boyle

Thuirt am fear-ciùil nach robh cuid toilichte leis, ach nach tug sin dha ach spionnadh dha agus chaidh aige air an tàladh air ais leis an ath phort a rinn e.

B' e sin an t-òran aig Sir Tom Jones, Delilah - ach ann an dòigh coltach ris a' chòmhlan à Glaschu a fhuair cliù sna 1970an, The Sensational Alex Harvey Band.

Chaidh faighneachd dha sa Ghiblean an-uiridh an robh e airson a bhith san fhilm.

Dh'innis e do BhBC Naidheachdan: "Bha mi air a' bhàta-aiseig a dh'Uibhist nuair a fhuair mi post-d a' faighneachd dhìom am biodh ùidh agam ann, agus thuirt mi 'carson nach biodh'?"

Ruairidh MacIlleathain agus Ruairidh GreumachTùs an deilbh, RUMAC
Fo-thiotal an deilbh,

Tha caraid RuMac, Ruairidh Greumach, cuideachd san fhilm

Tha Ruairidh a' nochdadh san fhilm còmhla ri a charaid, fear-ciùil Gàidhealach eile, Ruairidh Greumach.

'S iad Alfie Wiliams, Jodi Comer, Ralph Fiennes agus Aaron Taylor-Johnson na prìomh chleasaichean ann an 28 Years Later, an treas film a-mach à trì filmichean oillteil mu sòmbaidhean a tha ri creachadh am Breatainn.

B' e Danny Boyle stiùiriche a' chiad fhilm, 28 Days Later, a thàinig a-mach ann an 2002.

Tha am film a' còrdadh gu mòr ri Ruairidh agus thuirt e gun robh e mìorbhaileach a bhith an sàs san treas pàirt den sgeulachd.

Thuirt e: "Choimhead mi air a' chiad fhear nuair a bha mi fada ro òg."

Danny Boyle
Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

B' e Danny Boyle stiùiriche a' chiad fhilm, 28 Days Later, a thàinig a-mach ann an 2002

Thuirt e gun do chòrd e glan ris nochdadh mar inbheach san treas film ach nach "urrainn dhomh cus innse mu dheidhinn".

Tha bliadhna thrang air a bhith aige, 's e air nochdadh mar-thà air prògram ITV Britain's Got Talent.

Fhuair e tron chiad ìre leis an dreach aige fhèin air Yes Sir, I Can Boogie - òran neo-oifigeil sgioba ball-coise nàiseanta na h-Alba.

Ràinig e ìre nan iar-chuairtean deireannach far an do chluich e Take On Me le A-ha.

Tha e gu bhith a' nochdadh aig Fèis EDF am Beinn na Faoghla, agus Fèis Bhelladrum faisg air a' Mhanachainn thairis air an t-samhradh.