Rabhadh òmair mu Stoirm Amy an ceann a tuath na h-Alba

Rinn a' ghaoth mhòr an cois Stoirm Éowyn san Fhaoilleach milleadh mòr air feadh Alba
- Air fhoillseachadh
Chaidh an cunnart an cois Stoirm Amy àrdachadh bho rabhadh buidhe gu rabhadh òmair airson ceann a tuath agus taobh siar na h-Alba.
Tha Oifis na Sìde an dùil ri gaoth mhòr eadar 60 agus 70msu, agus iad ag ràdh gu faod uspagan cho làidir ri 95msu a bhith ann an cuid de sgìrean nas fhosgailte.
Tha an rabhadh òmair gu bhith an sàs bho 5:00f Dihaoine gu 09:00m Disathairne, taobh a-muigh.
Chaidh rabhadh buidhe , taobh a-muighairson gaoth cho mòr ri 60m - agus suas ri 70msu air na monaidhean - a sgaoileadh airson Alba air fad bho 3:00f Dihaoine gu meadhan-oidhche Disathairne.
Chaidh rabhadh buidhe airson uisge mòr, taobh a-muigh cuideachd fhoillseachadh airson Alba, le dùil gun tuit suas ri 30mm thairis air sia gu naoi uairean de thìde.
Thuirt Oifis na Sìde gum faodadh eadar 40 agus 50mm de dh'uisge a bhith ann an sgìrean monaidh san iar-dheas den dùthaich agus ann an ceann a deas na Gàidhealtachd.
Tha rabhadh ann gum faodadh daoine an dealan a chall agus gum biodh milleadh ann.
Dh'adhbhraich a' ghaoth mhòr a bh' ann nuair a bhuail Stoirm Éowyn san Fhaoilleach milleadh mòr air feadh Alba.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh27 Am Faoilleach