"Tha luchd-turais air am beò-ghlacadh nuair a gheibh iad cothrom air sgeulachdan nan Gàidheal"

Coinneach MacIllEathain
- Air fhoillseachadh
"Fàilte air do stùcan, do choireachan ùdlaidh" thuirt am bàrd ainmeil Sgitheanach Niall MacLeòid faisg air deireadh na 19mh Linne.
Ged a sgrìobh e fhèin an t-òran, bhiodh e air a bhith duilich do Niall a chreidsinn cia mheud duine a tha a' faighinn "Fàilte don Eilean Sgitheanach" san là a th' ann.
Thàinig 857,000 luchd-turais ann an 2023 agus tha e air a thuairmeas gu bheil na h-àireamhan air a dhol faisg air millean bho an uairsin.
Tha iad a' tighinn airson làraichean a tha a-nis ainmeil air feadh an t-saoghail fhaicinn, an leithid Bodach an Stòrr agus Creag an Fhèilidh.
Tha deagh chothrom ann gum bi iad a' coimhead airson nan Daoine Beaga cuideachd aig Gleann nan Sìthichean, Drochaid nan Sìthichean, agus, gu sònraichte, Glumagan nan Sìthichean.
Bhiodh na làraichean sin air Niall fhàgail a' tachas a' chinn beagan cuideachd, mura robh thu air cantainn ris gun robh thu dha-rìribh a-mach air Beul-Ath nan Trì Allt, Baile nan Cnoc, agus Coire na Creiche.
Sin an seòrsa fiosrachaidh a tha leabhar ùr mu dhualchas Ghàidhealach cuid dhe na làraichean turasachd as ainmeile ann an Alba a-nis airson cur fa chomhair dhaoine.

Tha an leabhar a' toirt slighe tro Alba le mìneachadh air dualchas Gàidhealach diofar sgìrean
'S e an t-eòlaiche eachdraidh agus neach-iùil Coinneach MacIllEathain a tha air 'Travels in Another Country, A Guide to Gaelic Scotland' a sgrìobhadh.
Tha e ag ràdh gu bheil e airson tuigse nas fheàrr a thoirt dha luchd-turais a thig dhan Ghàidhealtachd air dualchas agus eachdraidh nan Gàidheal.
Rinn Coinneach trèanadh mar neach-iùil "Blue Badge" aig Oilthigh Dhùn Èideann bho chionn 15 bliadhna agus ghabh e iongnadh nach robh fiosrachadh ga thoirt seachad mu na Gàidheil no mun Ghàidhlig.
Bha e air a bhrosnachadh rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn seo agus rinn e an toiseach PhD a' coimhead air buaidh turasachd air na Gàidheil.
Thug sin bun-stèidh dha airson an leabhar a chur ri chèile, le amas atharrachadh a thoirt gu buil.
"Tha e airson daoine a tha a' tighinn gu Alba air làithean-saora ach tha e cuideachd airson an fheadhainn a tha a' frithealadh nan daoine sin," thuirt e.
"Mhothaich mi nuair a bha mi a' dèanamh a' chùrsa seo gur e glè bheag de dh'fhiosrachadh a bh' ann mu na Gàidheil. 'S beag an t-iongnadh mar sin nach eil luchd-iùil an uairsin a' lìbhrigeadh dad sam bith mu na Gàidheil gu na daoine a tha a' tighinn."
Tha Coinneach ag ràdh gu bheil e air iomadach eisimpleir de dhroch eachdraidh agus sgeulachdan fuadain a chluinntinn na obair mar neach-iùil.
Tha e fhèin a' fuireach san Eilean Sgitheanach agus tha e ag ràdh gu bheil an leithid pailt sa ghnìomhachas an sin.
"Nuair a chaidh an drochaid ùr a thogail aig Sligeachan o chionn 40 bliadhna, bha seann drochaid a chruthaich Tòmas Telford ann fhathast.
"An fheadhainn òga a tha a' tighinn dhan eilean, tha iad a' faighinn na comhairle, 'thèid sìos dhan lagan a tha sin agus bog do cheann ann. Thig às agus fàg an t-uisge air d' aodann agus leig a ghaoth sin a thiormachadh agus bidh òigridh nad bheatha air shàilleabh sin.
"Cò às a thàinig siud? Thàinig e bho chionn 40 bliadhna."

Ged a chanadh cuid nach eil na sgeulachdan a' dèanamh cron agus gur e nàdar sgeulachdan gu bheil iad gan cruthachadh aig àm air choireigin, tha Coinneach ag ràdh gu bheil iad millteach oir tha iad a' dubhadh a-mach eachdraidh nan Gàidheal.
"Tha iad a' còmhdachadh agus a' cur às dha sgeulachdan a tha a' tighinn bho chridhe agus eanchainn nan Gàidheal," thuirt e.
"Na stòiridhean a tha thu a' faighinn, tha iad a' tighinn bho bheachdan agus bho shaoghal feadhainn nach eil nan Gàidheil agus chan eil iad ceart."
A thuilleadh air an sin, tha e ag ràdh gu bheil an obair aige mar neach-iùil air dearbhadh dha gu bheil ùidh agus iarrtas gu leòr am measg luchd-turais airson sgeulachdan agus eachdraidh nan Gàidheal.
"Tha e tarraingeach do dhaoine a tha a' tighinn an seo," thuirt e.
"Mar as trice chan eil fhios aca gu bheil an leithid ann ach nuair a tha thu a' bruidhinn mu dheidhinn na Gàidhlig agus a' chultair agus nan sgeulachdan, tha iad air am beò-ghlacadh.
"Tha mi an dòchas gu bheil luchd-iùil a' dol a dh'fhaighinn an leabhair seo agus gu bheil iad a' dol a lìbhrigeadh an stuth a tha ann.
"Tha mi cinnteach às gun tig piseach air gnothaichean – lìonaidh sinn am beàrn sin a tha air a lìonadh an-dràsta le ùr-sgeulan agus breugan."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh29 Am Màrt 2024